Mura lorg sibh am fiosrachadh a tha a dhìth oirbh air an làrach-lìn seo faodaidh sibh brath a chur thugainn air a’ Ghoireas-fhiosrachaidh Dhealanach, Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh fhònadh, an t-seirbheis teacsa-fòn a chleachdadh, ma bhios sin iomchaidh, no sgrìobhaibh thugainn.
Faodaidh sibh an Goireas-fiosrachaidh Dealanach a chleachdadh gus:
Bidh Loidhne-chobhair agus fòn-teacsa sònraichte airson a’ Chunntais rim faighinn an 2011. San eadar-ama airson gach ceist co-cheangailte ris a’ cunntas-shluaigh, cuiribh fios gu suids-chlàr Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh: 0131 334 0380
Tha an suids-chlàr fosgailte:
08:30 gu 17:00 Diluain gu Diardaoin, agus
08:30 gu 16:30 Dihaoine.
Is 44 an còd eadar-nàiseanta airson na RA, an uairsin leig às a’ chiad 0 m.e. +44 131 334 0380.
Faodaidh sibh sgrìobhadh thugainn:
Oifis Choitcheann a' Chlàraidh airson Alba
Seòmar 3/2
Taigh Ladywell
Rathad Ladywell
Dùn Èideann
EH12 7TF
Ma tha gearan agaibh mu nì sam bith co-cheangailte ri Ro-chunntas-sluaigh 2009 faodaidh sibh an Goireas-fiosrachaidh Dealanach a chleachdadh, an Loidhne-chobhair fhònadh no sgrìobhadh thugainn.
Cuiridh sinn freagairt thugaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach bhon ghearain agaibh fhaighinn.
Tha fastadh airson an ro-chunntais-shluaigha-nis crìochnaichte. Bidh sinn a’ tòiseachadh, ge-tà, a’ fastadh airson Cunntais-shluaigh 2011 timcheall air a’ Chèitean 2010 agus bidh fiosrachadh mu na h-obraichean agus mu thagraidhean air-loidhne rim faotainn air làrach-lìn Oifis Choitcheann a' Chlàraidh airson Alba (GROS).