Meud clòtha: A|A|A

Na 25 Ceistean as Cumanta

Dh’fhoillsicheadh an duilleag seo airson Ro-chunntas-sluaigh na h-Alba as t-earrach 2009. Ùraichear am fiosrachadh na broinn nuair a thèid crìoch a chur air ceisteachan Cunntais-shluaigh 2011.

Gu h-ìosal tha na 25 ceistean as cumanta co-cheangailte ris a' chunntas-shluaigh. Mur eil a' cheist agaibh air a freagairt, feuchaibh an liosta slàn de Cheistean mun Chunntas-shluaigh.

Dè a th' anns an ro-chunntas-shluaigh?

Ruithidh Oifis Choitcheann a' Chlàraidh airson Alba (GROS) an ro-chunntas-sluaigh mar gum b' e cunntas-sluaigh ceart a bh' anns sna sgìrean a chaidh taghadh: Dùn Èideann, Leòdhas agus na Hearadh. Bheir seo cothrom dhuinn aithne fhaighinn air gu dè cho math 's a tha daoine a’ tuigsinn nan ceistean, agus mar a chaidh rèiteachadh nan ceisteachan a thaobh lìbhrigidh, cruinneachaidh agus pròiseasaidh.

Tha e cudromach gun gabhar pàirt san ro-chunntas-shluaigh gus dèanamh cinnteach gum bi an cunntas-sluaigh fhèin ceart ann an 2011.

Gu bàrr na duilleige

Dè an latha air a bheil an ro-chunntas-sluaigh?

Didòmhnaich 29mh dhen Mhàrt, 2009.

Gu bàrr na duilleige

Cò a tha a' ruith a' chunntais-shluaigh?

Tha an cunntas-sluaigh air eagrachadh le Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS), air a stiùireadh leis a’ Chlàradair Choitcheann, agus fo sgrùdadh luchd-staitistig phroifeiseanta. Tha GROS ag obair còmhla ri oifisean cunntais-shluaigh airson Sasainn, na Cuimrigh agus Èirinn a-Tuath gus cunntas-sluaigh a ruith air an aon latha agus gus coimeas a dhèanamh eadar na toraidhean.

Tha cunntas-sluaigh air a ghabhail gach 10 bliadhna agus tha 2011 a' comharradh 150 bliadhna bho thòisich GROS ga ruith.

Gu bàrr na duilleige

Càit am bi fiosrachadh a' chunntais-shluaigh air a chleachdadh?

Bidh an riaghaltas, ùghdarrasan ionadail, gnìomhachasan, luchd-acadaimig agus mòran de bhuidhnean eile a' cleachdadh thoraidhean a' chunntais-shluaigh gus planaichean a chur air chois a choinnicheas ri ar feuman. Tha am fiosrachadh a' soilleireachadh ar feuman mar dhùthaich, mar mhòr-bhaile, mar sgìre no mar bhaile, no mar bhuidheann de dhaoine anns gach sgìre. Tha na toraidhean a' ciallachadh gu bheilear a' dealbhadh, agus a' maoineachadh, sheirbheisean poblach mar a tha freagarrach. Bheir toradh a' chunntais buaidh oirbhse, air ur cuid cloinne agus air ur n-oghaichean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faodaidh sibh coimhead air loidhne-ùine ar cunntais-shluaigh.

Gu bàrr na duilleige

A bheil e sàbhailte, dìomhair agus prìobhaideach?

Tha. Tha an cunntas dìomhair. Tha cùisean air an cur air dòigh gus fiosrachadh pearsanta a chumail sàbhailte, agus 's iad seo bunait Cunntas-sluaigh na h-Alba.

Tha a h-uile duine a tha a' làimhseachadh fiosrachadh pearsanta sa chunntas-shluaigh air a dhol tro sgrùdadh, agus feumaidh iad an t-ainm-sgrìobhte aca a chur ri aithris a tha a' dìon prìobhaideachd an fhiosrachaidh. Tha laghan a thaobh Dìon Dàta agus dìomhaireachd cunntais-shluaigh a' toirt cothrom casaid a chur às leth neach sam bith a chuireas fiosrachadh pearsanta mu sgaoil. Thèid fiosrachadh pearsanta a chumail dìomhair airson 100 bliadhna an dèidh gach cunntas-sluaigh, agus an uair sin tha iad air am foillseachadh.

Gu bàrr na duilleige

A bheil an cunntas-sluaigh èigneachail?

Tha an cunntas-sluaigh fhèin èigneachail ach chan eil an ro-chunntas. Ach tha e cudromach compàirt a ghabhail san ro-chunntas oir cuidichidh e sinn ann a bhith a' faighinn nan ceistean agus an rèiteachaidh ceart airson a' chunntais-shluaigh airson Alba air fad ann an 2011.

Gu bàrr na duilleige

Dè an diofar a th’ ann eadar na tha san amharc a thaobh cunntas-sluaigh 2011 agus an deuchainn seo?

Ruithidh (GROS) an deuchainn mar gum b' ann na chunntas làn ann an taobh an iar Dhùn Èidinn agus ann an Leòdhas is sna Hearadh. An rud as cudromaiche dheth, 's e gum bi na h-aon ìrean de dhìon fiosrachaidh agus de dhìomhaireachd mun chunntas ann. Tha beagan eadar-dhealachaidhean ann ge-tà.

Sa chiad àite, tha riatanas laghail ann Cunntas-sluaigh 2011 a lìonadh a-steach, ach chan eil com-pàirteachadh san ro-chunntas èigneachail. Tha a bhith a' gabhail pàirt san deuchainn cudromach ge-tà seach gun cuidich e sinn gus na ceistean agus na h-ullachaidhean fhaighinn ceart airson Alba gu lèir ann an 2011.

Tha am fiosrachadh bhon chunntas air a chumail dìomhair fad 100 bliadhna an dèidh a h-uile cunntais, nuair a thèid a leigeil mu sgaoil. Ach chan fhaodar sealltainn air na clàran bhon deuchainn.

Diofar eile a th’ ann ged a tha toraidhean cunntais gam foillseachadh mar as trice mar fhiosrachadh gun urra, cha tèid am fiosrachadh bhon deuchainn a chleachdadh le (GROS) ach gus measadh a dhèanamh air cho math ‘s a shoirbhich leis na h-ullachaidhean air a shon. Cuidichidh am measadh sin rinn gus na ceistean agus ullachaidhean eile a leasachadh mus mol sinn an dòigh-obrach againn don Phàrlamaid gus cead fhaighinn ann an 2010.

Gu bàrr na duilleige

Carson a tha an cunntas cudromach?

Bidh dìleab ga fhàgail na dhèidh aig a h-uile cunntas: am fiosrachadh agus na h-àireamhan a chuidicheas gus luach nam billeanan de notaichean de mhaoineachadh airson sheirbheisean poblach a tha cudromach dhuibh a dhealbhachadh. Bidh seirbheisean leithid slàinte, foghlam agus còmhdhail air an dealbhachadh a rèir iarrtais. Is iad toraidhean bho chunntas a chuidicheas gus an t-iarrtas sin obrachadh a-mach. Mar eisimpleir, le fios cia mheud pàiste a th’ ann agus cia mheud neach a tha dlùthachadh ri àm dol air chluainidh, thathar a' cuideachadh gus seirbheisean-slàinte san àm air thoiseach a dhealbhachadh agus a mhaoineachadh.

Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh air clàr-ama a’ chunntais againn.

Gu bàrr na duilleige

Carson a tha an deuchainn a’ gabhail àite ann an taobh an iar Dhùn Èidinn, agus ann an Leòdhas is sna Hearadh?

Chaidh taobh an iar Dhùn Èidinn, Leòdhas is na Hearadh a thaghadh mar sgìrean deuchainn seach gun seall iad le chèile do dh’Oifis Choitcheann a' Chlàraidh ann an Alba cho math agus a bhios na h-ullachaidhean aice a’ soirbheachadh ann an sgìrean sna bailtean-mòra agus a-muigh air an dùthaich. Faodaidh muinntir Leòdhais agus Na Hearadh deuchainn a chur air leasachaidhean airson daoine le Gàidhlig gu h-àraidh. Cuiridh na freagairtean bho thaobh an iar Dhùn Èidinn deuchainn air na h-ullachaidhean airson daoine ann an àiteachan far am bi tòrr a’ fuireach leithid àiteachan-fuirich oileanach agus dachaighean-cùraim.

Gu bàrr na duilleige

Ciamar a tha còir agam an ceisteachan a lìonadh a-steach?

Mas e an ceisteachan air pàipear a tha sibh a' lìonadh a-steach, dèanaibh le inc dubh no gorm e mas e ur toil e. Cleachdaibh litrichean mòra, le beàrn eadar a h-uile facal. Cleachdaibh diog ann am bogsaichean gus a shealltainn dè an fhreagairt a tha a’ buntainn. Tha barrachd stiùiridh ann an Duilleag 2 den cheisteachan mu ciamar a lìonas sibh a-steach an ceisteachan, mar eisimpleir ciamar a cheartaicheas sibh mearachdan sam bith. Mas ann air-loidhne a tha sibh a' lìonadh a-steach a’ cheisteachain, cumaibh ris an stiùireadh a tha ri fhaotainn air an sgàilean.

Gu bàrr na duilleige

Carson a chaidh an roghainn-sa de cheistean a shocrachadh?

Ann a bhith a’ dèanamh co-dhùnadh air na cuspairean ris am bu chòir buntainn tha sinn air stiùireadh farsaing fhaotainn, agus air làn chunntas a dhèanamh de shuidheachaidhean Albannach. Chaidh tagraidhean luchd-cleachdaidh a’ chunntais airson chuspairean sònraichte a chothromachadh ris an gabhadh am mòr-shluagh riutha, an urrainnear am faighneachd ann an dòigh a bheir fiosrachadh earbsach, agus ri modhan eile airson fiosrachadh a chruinneachadh. ’S ann aig Pàrlamaid na h-Alba a bhios an co-dhùnadh mu dheireadh air dè na ceistean a thèid fhaighneachd ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011.

Gu bàrr na duilleige

Dè an seòrsa cheistean a th’ air ceisteachan a’ chunntais?

Tha ceistean ann mu teaghlach anns an fharsaingeachd agus mun a h-uile neach a bhios a’ fuireach anns an teaghlach mar as trice. Cuideachd, tha àite ann gus fiosrachadh bunaiteach a thoirt mu luchd-tadhail an làthair ann air oidhche a’ chunntais.

Gu bàrr na duilleige

Cia mheud ceist a th' air a' cheisteachan?

Tha 14 de cheistean ann mun teaghlach agus mun àite-fhuirich. Tha 35 de cheistean fa leth ann.

Gu bàrr na duilleige

Dè na sgìrean sam bi deuchainn 2009 a’ tachairt?

Bidh deuchainn a’ chunntais a’ dol ann an taobh an iar Dhùn Èidinn agus ann an Leòdhas is sna Hearadh. Tha còdan-puist sna roinnean seo a leanas ann an sgìrean ro-chunntais 2009:

Leòdhas agus Na Hearadh

HS1 2
HS2 0
HS2 9
HS3 3
HS4 3
HS5 3

Taobh an Iar Dhùn Èidinn

EH11 1
EH11 2
EH11 3
EH11 4
EH12 5
EH12 6
EH12 7
EH12 8
EH12 9
EH14 4

Gu bàrr na duilleige

Cha d’fhuair mi ceisteachan fhathast. Dè nì mi?

Thèid ceisteachain a sgaoileadh eadar 13 Màrt 2009 agus 28 Màrt 2009 sna sgìrean sam bi an ro-chuntas a’ dol air adhart. Mas e nach eil sibh air ceisteachan fhaighinn ro 29 Màrt 2009, cuiribh fios thugainn a’ cur feum air a’ Ghoireas-fhiosrachaidh Dhealanach, loidhne-chobhair a’ chunntais air 0845 603 1823 no seirbheis fòn 0845 603 1824.

Gu bàrr na duilleige

Tha mi mall anns an fhradharc, ciamar a lìonas mi an ceisteachan a-steach?

Faodaidh sibh an ceisteachan a lìonadh a-steach air-loidhne seach gun deach an làrach-lìn seo a chur ri chèile gus gèilleadh ri inbhean mu chleachdadh agus chothrom. Air mhodh eile, bheir sinn dhuibh ceisteachan anns a’ chlò mhòr. Cuiribh ceist air an neach-àireamhachaidh agaibh, cuiribh fios thugainn a’ cur feum air a’ Ghoireas-fhiosrachaidh Dhealanach, Loidhne-chobhair a’ chunntais air 0845 603 1823 no fòn-teacsa air 0845 603 1824.

Gu bàrr na duilleige

Tha mi mall san èisteachd, dè a’ chobhair a tha ri fhaotainn dhomh?

Chaidh na ceistean a chur gu Cànan Balbhanachd Bhreatainn (BSL) agus tha earrannan à bhideothan rim faotainn air an làraich seo. Faodar sealltainn air na h-earrannan seo an dara cuid nuair a bhios sibh a’ lìonadh a-steach a’ cheisteachain air-loidhne no mar chobhair nuair a bhios sibh a’ lìonadh a-steach a’ cheisteachain air pàipear agaibh.

Gu bàrr na duilleige

A bheil eadar-theangachaidhean den cheisteachan rim faotainn?

Tha eadar-theangachaidhean de cheistean a’ Chunntais rim faotainn sna cànanan seo a leanas:

Arabais
Bengali
Cantonais
Farsi
Filipinis
Fraingis
Hindi
Pòlainnis
Punjabi
Turcais
Urdu

Faodar iad seo a luchdachadh a-nuas bhon làraich seo no faodar cruth ann am pàipear fhaotainn le bhith cur feum air a’ Ghoireas-fhiosrachaidh Dhealanach.

Air mhodh eile, cuiribh fios gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais air 0845 603 1823 no fòn-teacsa air 0845 603 1824.

Tha barrachd taice a thaobh cànain ri fhaotainn cuidaechd le bhith cur fios gu loidhne-chuideachaidh air na h-àireamhan gu h-àrd.

Gu bàrr na duilleige

Am bu chòir naoidheanan a thoirt a-steach ann an ceisteachan a’ chunntais?

Bu chòir. Bu chòir a h-uile neach a rugadh ro mheadhan-oidhche air oidhche an ro-chunntais (29 Màrt) a chur a-steach sa cheisteachan fiù ged a bhiodh iad fhathast san taigh-eiridinn is gun a bhith air tilleadh dhachaigh fhathast.

Gu bàrr na duilleige

Chan ann às an Rioghachd Aonaichte a tha mi, an fheum mi an ceisteachan a lìonadh a-steach?

Feumaidh, bu chòir gun lìonadh na h-uile an ceisteachan a-steach, is coma cò an nàiseantachd a th’ aca.

Gu bàrr na duilleige

Cò a bu chòir an dearbhadh a lìonadh a-steach air ceisteachan a’ chunntais agus ainm-sgrìobhte chur ris?

Bu chòir don neach aig a bheil an taigh no neach cunntachail a bhuineas don teaghlach an t-uallach a ghabhail gus a dhèanamh cinnteach gun tèid an ceisteachan agaibh a lìonadh a-steach gu cruinn agus ainm-sgrìobhte a chur ris an dearbhadh air an aghaidh. Bu chòir do neach sam bith a lìonas a-steach ceisteachan fa leth ainm-sgrìobhte a chur ris an dearbhadh air aghaidh a’ cheisteachain sin.

Gu bàrr na duilleige

Ciamar a thèid mo chunntais ma tha mi a’ fuireach ann an taigh-altramais, sgoil-fhuirich, taigh-eiridinn, talla-còmhnaidhe, taigh-òsta no àite-fuirich eile air a rianachd?

’S e “àite-fuirich cumanta” a tha sinn a’ gabhail air àite-fuirich mar seo. Chaidh ullachaidhean sònraichte a dhèanamh gus àiteachan-fuirich mòra àireamhachadh. Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, cuiribh fios gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais air 0845 603 1823 no air fòn-teacsa 0845 603 1824.

Gu bàrr na duilleige

Dè ma tha mi air falbh bhon dachaigh agam, no bho dhachaigh an teaghlaich aig àm a' chunntais?

Bu chòir do neach sam bith a th' air falbh bhon dachaigh àbhaistich aca air an 29 Màrt 2009 a bhith air an cunntadh mar fheadhainn a tha san àbhaist a' fuireach aig an t-seòladh seo, 's bu chòir an gabhail a-steach ann an ceistean H1 - H3, H6 - H14 agus ann an ceistean pearsanta 1 - 38. Ma tha a h-uile duine air falbh air oidhche an 29 Màrt 2009, bu chòir ceisteachan a lìonadh a-steach nuair a thillear. Ma tha neach sam bith bho sheòladh eile a' fuireach san dachaigh seo air oidhche 29 Màrt 2009, bu chòir an gabhail a-steach ann an ceistean H4, H5 agus V1 - V4 air a' cheisteachan aig an t-seòladh sin.

Gu bàrr na duilleige

Dè na ceisteachain a dh’fhaodar lìonadh a-steach air-loidhne?

Chan fhaod ach ceisteachain do theaghlaichean, airson sheòlaidhean air an gleidheadh againn agus le Còd a’ Cheisteachain Air-loidhne aca, a lìonadh a-steach air-loidhne. Feumaidh fiosrachadh làn mun a h-uile neach anns an teaghlach a chur sìos anns a’ cheisteachan seo.

Air adhbharan tèarainteachd, feumaidh a h-uile ceisteachan eile a lìonadh a-steach air pàipear.

Gu bàrr na duilleige

Am bi e comasach daoine no teaghlaichean aithneachadh bho fhiosrachadh air fhoillseachadh?

Cha tèid fiosrachadh sam bith bhon ro-chunntas fhoillseachadh. Cha tèid feum a chur air an fhiosrachadh ach airson an ri-chunntas a mheasadh agus barrachd rannsachaidh a tharraing a-mach. Cha tèid fiosrachadh sam bith a dh’fhaodadh daoine a chomharrachadh a nochdadh.

Gu bàrr na duilleige