Meud clòtha: A|A|A

Mar a lìonas sibh ur Ceisteachan, agus mar a thilleas sibh e

Dh’fhoillsicheadh an duilleag seo airson Ro-chunntas-sluaigh na h-Alba as t-earrach 2009. Ùraichear am fiosrachadh na broinn nuair a thèid crìoch a chur air ceisteachan Cunntais-shluaigh 2011.

Ceistean an Teaghlaich – ceangalan luath:
A' chiad duilleag H2  H3  H5  H6 H7 H8 H9 H10  H11  H12  H13  H14

Ceistean Pearsanta – ceangalan luath:
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16 17 18 19 20 21 22 23 24 25 26 27 28 29 30
31 32 33 34 35 36 37 38


Fiosrachadh Farsaing

Air-loidhne no air pàipear

Ma tha sibh air ceisteachan ro-chunntais-shluaigh fhaighnn le Còd Ceisteachain Air-loidhne (sgrìobhte air a' chiad duilleig), bidh e comasach dhuibh an ceisteachan a lìonadh agus a chur a-steach air-loidhne.

Mura h-eil coimpiutair agaibh, no mura h-eil Còd Ceisteachain Air-loidhne air ur ceisteachan, bu chòir dhuibh an dreach pàipeir a lìonadh a-steach, agus a thilleadh sa chèis ro-phàighte a tha an cois pasgan a’ ro-chunntais-shluaigh.

Cuin a lìonas sibh a-steach an ceisteachan

Bu chòir dhuibh an ceisteachan a lìonadh a-steach Didòmhnaich 29 am Màrt 2009, no cho luath às a dhèidh 's a gheibh sibh.

Modhan lìbhrigidh

Lìbhrigidh àirimhichean a' mhòr-chuid de cheisteachain gu ur taighean. Ach, thèid ceisteachain a phostadh chun nan taighean as iomallaiche ann an Leòdhas agus sna Hearadh.

Mar a gheibh sibh cobhair

Bu chòir gum biodh fiosrachadh sam bith a tha a dhìth oirbh gus an ceisteachan a lìonadh a-steach a bhith air an làraich seo.

Ach faodaidh sibh cobhair iarraidh le a bhith a' cur fios dealanach thugainn, no le a bhith a' cur fios gu Loidhne-chobhair a' Chunntais-shluaigh air 0845 603 1823. Tha seirbheis fòn-teacsa againn cuideachd, air 0845 603 1824.

Ag iarraidh ceisteachan a bharrachd, no fear ùr

Faodaidh sibh ceisteachan a bharrachd no fear ùr iarraidh le a bhith a' cur fios dealanach thugainn, no le a bhith a' cur fios gu Loidhne-chobhair a' Chunntais-shluaigh air 0845 603 1823. Tha seirbheis fòn-teacsa againn cuideachd, air 0845 603 1824.

Gu bàrr na duilleige

Stiùireadh a bharrachd – buill an teaghlaich

Clann le pàrantan a tha dealaichte bho chèile

Bu chòir do chlann le pàrantan a tha a’ fuireach bho chèile a bhith air an gabhail a-steach mar bhuill an teaghlaich aig an t-seòladh far am bi iad sa mhòr-chuid dhen tìde.

Ma bhios iad a’ fuireach aig an t-seòladh far am bi iad a’ cur seachad na cuid as lugha den tìde air oidhche 29 Màrt 2009, cha bu chòir cunntas a dhèanamh orra sa cheisteachan airson an t-seòlaidh sin, ach a-mhàin ann an ceistean H4 is H5, agus bu chòir am mion-fhiosrachadh a bhith air a lìonadh a-steach ann an ceistean V1 gu V4 aig deireadh a’ cheisteachain.

Ma bhios iad a’ roinn an cuid tìde eadar an dà sheòladh, cha bu chòir dhaibh a bhith air an gabhail a-steach mar bhuill an teaghlaich ach aig an t-seòladh far am bi iad a’ fuireach air oidhche 29 Màrt 2009.

Oileanaich is sgoilearan a bhios a’ fuireach air falbh bhon dachaigh rè teirm-foghlaim

Feumaidh oileanaich is clann-sgoile a bhios a’ fuireach air falbh bhon dachaigh a bhith air an gabhail a-steach mar bhuill teaghliach aig gach cuid an seòladh teirm-foghlaim agus seòladh an dachaigh, agus an uair sin mar a leanas:

• seòladh dachaigh – lìonaibh ceistean pearsanta 1 gu 6 a-mhàin

• seòladh teirm-foghlaim – lìonaibh a h-uile ceist pearsanta (1 gu 38)

Daoine a bhios air falbh bhon dachaigh airson greis

Bu chòir do dhuine sam bith a tha air falbh bho an dachaigh mhaireannach no teaghlaich air oidhche 29 Màrt 2009 a bhith air an gabhail a-steach mar bhall teaghlaich aig an t-seòladh sin. Tha seo a’ dèanamh iomradh orrasan a bhios:

• a’ fuireach air falbh bhon dachaigh is iad ag obair

• air falbh nam buill de Fheachdan an Airm

• a’ fuireach aig an dàrna seòladh

• air saor-làithean no a’ siubhal

• a’ tadhal air caraidean no air luchd-dàimh

• a’ fuireach, no an dùil fuireach, ann an stèidheachd-chòmhnaidh (leithid ospadal, taigh-cùraim no ostail) airson nas lugha na 6 mìosan

• ann am prìosan a’ feitheamh ri binn mssa. (airson fad sam bith de dh’ùine) no air an dìteadh gu nas lugha de 6 mìosan sa phrìosan

Na gabh a-steach neach mar bhall an teaghlaich a bhios:

• a’ fuireach, no an dùil fuireach, ann an stèidheachd-chòmhnaidh airson 6 mìosan no barrachd

• sa phrìosan, air an dìteadh gu 6 mìosan no barrachd ann am braighdeanas

Thèid cunntas a dhèanamh air na daoine seo le an stèidheachd fhèin.

Daoine aig a bheil còrr is aon seòladh san RA, a’ gabhail a-steach loidsearan

Bu chòir do dhaoine aig a bheil còrr is aon seòladh san RA a bhith air an gabhail a-steach mar bhuill an teaghlaich aig:

• an dachaigh mhaireannach no teaghlaich; no

• mura h-eil dachaigh mhaireannach no teaghlaich aca, aig an t-seòladh far am bi iad a’ cur seachad na mòr-chuid dhen tìde.

Ma bhios iad a’ fuireach aig an dàrna seòladh aca air oidhche 29 Màrt 2009, cha bu chòir cunntas a dhèanamh orra sa cheisteachan airson an t-seòlaidh sin ach a-mhàin ann an ceistean H4 is H5, agus bu chòir am mion-fhiosrachadh a bhith air a lìonadh a-steach gu ceistean V1 gu V4 aig deireadh a’ cheisteachain.

Daoine à taobh a-muigh na RA

Cha bu chòir daoine à taobh a-muigh na RA a bhith air an ainmeachadh mar bhuill an teaghlaich ann an ceisteachan cunntais-shluaigh ach ma bhios iad san RA airson 6 mìosan no barrachd.

Ma bhios iad a’ fuireach san dùthaich nas lugha na 6 mìosan cha bu chòir cunntas a dhèanamh orra ach ann an cesitean H4 is H5, agus bu chòir am mion-fhiosrachadh a bhith air a lìonadh a-steach gu ceistean V1 gu V4 aig deireadh a’ cheisteachain.

Dachaighean falamh

Ma bhios an seòladh seo bàn air oidhche 29 Màrt 2009 on a bhios muinntir na dachaigh uile gu lèir air falbh, bu chòir an ceisteachan a lìonadh cho luath ’s as urrainn às dèidh dhaibh tilleadh.

Gu bàrr na duilleige

Cùl-fhiosrachadh airson gach ceist

A' chiad duilleag

Cò a dh'fheumas ainm a chur ris an dearbhadh an dèidh dha ceisteachan pàipeir a bhith air a lìonadh?

Bu chòir dha fear/tè an taighe no neach cunntachail eile san dachaigh ainm a chur ris an dearbhadh air a' chiad duilleig. Bu chòir dha neach sam bith a tha a' lìonadh a-steach ceisteachan pearsanta an dearbhadh air a' chiad duilleig dhen cheisteachan sin a shoidhneadh.

Gu bàrr na duilleige

H2

Gu lèir, cia mheud neach a tha, san àbhaist, a' fuireach san dachaigh?

Cuiribh a-steach an àireamh dhaoine a tha, san àbhaist, a' fuireach san dachaigh. Na cunnt inbhich no clann a bhios a' fuireach an seo aig amannan ach a tha, san àbhaist, a' fuireach am badeigin eile. Clàraichibh na daoine seo ann an ceist H5 mar luchd-tadhail.

’S e dachaigh: neach a’ fuireach na aonar no buidheann daoine (nach leig a leas a bhith càirdeach) a’ fuireach aig an aon seòladh a tha a’ cleachdadh nan aon ghoireasan còcaireachd no an aon seòmar-suidhe no seòmar-bìdh.

Gu bàrr na duilleige

H3

Cò a' chiad neach a bu chòir liostadh?

Bu chòir gur e an neach a tha a' lìonadh a-steach a' cheisteachain.

Dè ma tha cuideigin san dachaigh nach eil airson freagairtean nan ceistean pearsanta aca a shealltainn dhan chòrr dhen dachaigh?

Ma tha neach ann a tha airson nan ceistean pearsanta aca a lìonadh a-steach gu prìobhaideach, cuiribh sràc sa bhocsa airson ceisteachan pàipeir fa leth ri taobh ainm an neach sin aig ceist H3, agus cuiribh fios gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh air 0845 603 1823 no air fòn-teacsa air 0845 603 1824 no leis a' Ghoireas-fiosrachaidh Dealanach gus Ceisteachan Pearsanta iarraidh.

Dè na h-ainmean a th' air na daoine a tha, san àbhaist, a' fuireach an seo?

Cuiribh a-steach, ann an litrichean mòra, a' chiad ainm agus sloinneadh gach neach a tha a' fuireach san teaghlach/dachaigh agaibh.  Tòisichibh leis an neach a tha a' lìonadh a-steach a' cheisteachain.

Carson a tha sibh ag iarraidh ainmean?

Bidh sinn a' cleachdadh ainmean gus dèanamh cinnteach gun deach a h-uile duine a chunntadh, agus gus aonadan teaghlaich agus dàimhean anns gach dachaigh a chlàradh.

'S e sloinneadh a tha san ainm mheadhain agam, m.e. Màiri Rothach Mhoireastan, agus tha e cudromach an t-ainm seo a chur a-steach gus a dhèanamh furasta do dhaoine a bhios a' lorg eachdraidh teaghlaich anns na làithean ri teachd. Ciamar a chuireas mi an sloinneadh seo air a' cheisteachan?

Chan eil sinn a' clàradh ainmean meadhain. Chan eil ainmean air an cleachdadh ach a-mhàin gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine air an cunntadh agus gu bheil am fiosrachadh ceart againn airson gach ball dhen dachaigh. Ach, ma tha rùm gu leòr air a' cheisteachan, dh'fhaodte ainmean meadhain a chur còmhla ris a' chiad ainm, no còmhla ris an t-sloinneadh.

Gu bàrr na duilleige

H5

Clàraich luchd-tadhail sam bith a dh’fhuirich thar oidhche air Didòmhnaich 29 Màrt 2009

Cuiribh a-steach a’ chiad ainm, an t-ainm mu dheireadh, gnè agus ceann-là breith aig an an luchd-tadhail uile.

Cunnt na leanas:

  • Daoine a’ fuireach thar oidhche air Didòmhnaich 29 Màrt 2009, ged nach biodh iad a’ fuireach còmhla ribh ach fad aon oidhche.
  • Daoine aig a bheil seòladh àbhaisteach anns an Rìoghachd Aonaichte far a bheil iad air an cunntas mar bhall teaghlaich cuideachd.
  • Luchd-tadhail bho thaobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte. Clann sam bith a th’ ann an cùram còmhla a tha a’ fuireach mar as trice ann an àiteigin eile, mas e gu bheil iad an seo air 29 Màrt 2009.
  • Daoine a bhios a’ fuireach aig an t-seòladh seo nuair a bhios iad ag obair air falbh bhon taigh.

Mas e luchd-tadhail a tha sna daoine uile a tha a’ fuireach an seo no ma tha iad a’ fuireach mar as trice ann an àiteigin eile san Rìoghachd Aonaichte, lìonaibh a-steach an earrann seo do luchd-tadhail agus ceistean H6 gu H12.

Mas e nach eil luchd-tadhail sam bith agam am bu chòir dhomh seo fhàgail bàn no stràc a chur troimhe bho nach eil e buntainneach?

Fàgaibh a’ cheist seo bàn. Na cuiribh stràc troimhpe.

Am bu chòir neach a bhios a’ fuireach thar oidhche air 29 Màrt 2009 a-mhàin a thoirt a-steach sa cheisteachan?

Bu chòir neach sam bith a tha a’ fuireach fad oidhche 29 Màrt 2009 ach aig a bheil seòladh àbhaisteach an àiteigin eile a chur sìos mar neach-tadhail ann an ceist H5. Cha bu chòir am meas mar bhall den teaghlach.

Is e a th’ ann an luchd-tadhail daoine a tha a’ fuireach fad oidhche Didòmhnaich 29 Màrt 2009, fiù ged nach biodh iad a’ fuireach còmhla ribh ach fad aon oidhche; daoine aig a bheil seòladh àbhaisteach anns an Rìoghachd Aonaichte far a bheil iad air an cunntas mar bhall teaghlaich cuideachd; clann sam bith a th’ ann an cùram còmhla a tha a’ fuireach mar as trice ann an àiteigin eile, mas e gu bheil iad an seo air 29 Màrt 2009; agus daoine a bhios a’ fuireach aig an t-seòladh seo nuair a bhios iad ag obair air falbh bhon taigh.

Am bi aig luchd-tadhail ri ceisteachan air leth a lìonadh a-steach?

Cha bhi. Cha bu chòir luchd-tadhail a thoirt a-steach fo cheistean H4 agus H5 ged a bu chòir dhaibh ceisteachan a lìonadh a-steach an dèidh dhaibh tilleadh dhan àite-fhuirich àbhaisteach aca san Rìoghachd Aonaichte (mas e gu bheil seo mar aonan de sgìrean an ro-chunntais).

Dè mas e luchd-tadhail a tha sna daoine uile a tha a’ fuireach an seo agus gu bheil iad a’ fuireach mar as trice ann an àiteigin eile san Rìoghachd Aonaichte?

Bu chòir “0” a chur a-steach aig ceist E agus ceistean H4 gu H12 a fhreagairt an uair sin. Bu chòir dhaibh an ceisteachan làn a lìonadh a-steach an dèidh dhaibh tilleadh dhan àite-fhuirich àbaisteach aca san Rìoghachd Aonaichte.

Mas e gu bheil barrachd agus triùir de luchd-tadhail ann, dè bhios mi a’ dèanamh?

Cha leig sibh leas ach fiosrachadh a thoirt seachad mu suas ri 3 de luchd-tadhail a tha a’ fuireach còmhla ribh air oidhche a’ chunntais (Didòmhnaich 29 Màrt 2009).

Gu bàrr na duilleige

H6

Dè an seòrsa àite-fuirich sa bheil an teaghlach agaibh?

Taghaibh am bogsa as fhreagarraiche don àite-fhuirich agaibh fhèin.

Carson a tha ceistean mu thaigheadas ann?

Bidh na freagairtean a' cuideachadh gus inbhean taigheadais, feumalachdan taigheadais, dealbhachadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean a thomhas. Tha feum ga chur air fiosrachadh mu dhòmhlachadh agus mu chothrom air teasachadh-meadhanach cuideachd gus easbhaidh a thomhas agus mar thaic gus càileachd taigheadais a mheas.

Tha mi a’ fuireach air bàta-taighe air a cheangal gu buan. Dè an seòrsa àite-fuirich a bhios mi a’ taghadh?

Taghaibh carabhan no togail eile a ghluaiseas no a tha sealach.

Tha mi a’ fuireach air sgoth-seòlaidh. Dè an seòrsa àite-fuirich a bhios mi a’ taghadh?

Taghaibh carabhan no togail eile a ghluaiseas no a tha sealach.

Gu bàrr na duilleige

H7

A bheil àite-fuirich an teaghlaich seo air a ghleidheadh dìreach dhuibh fhèin?

Mas e gu bheil seòmraichean an teaghlaich air fad agaibh air cùl dorais air nach eil cothrom ach aig an teaghlach agaibh fhèin, taghaibh “Tha”. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil na seòmraichean air fad, nam measg a’ chidsin, an seòmar-ionnlaid agus an taigh-beag air cùl dorais air nach eil cothrom ach aig an teaghlach agaibh fhèin.

Gu bàrr na duilleige

H8

Cia mheud seòmar a th’ agaibh nach bi ach an teaghlach agaibh fhèin a’ cleachdadh?

Cuiribh a-steach àireamh nan seòmraichean nach bi ach an teaghlach agaibh fhèin a’ cleachdadh. Na cuiribh a-steach seòmraichean-ionnlaid, taighean-beaga, tallachan no trannsaichean no seòmraichean nach cleachdar ach airson rudan a ghleidheadh nam broinn, leithid preasan. Cuiribh a-steach seòmraichean eile, mar eisimpleir cidsinean, seòmraichean-còmhnaidhe, seòmraichean-cadail, seòmraichean-ghoireasan agus seòmraichean-leughaidh. Mas e gun deach dà sheòmar a thoirt còmhla mar aonan, cuiribh sìos mar aon seòmar e.

Nuair a thèid an cur ri fiosrachadh mu àireamhan agus bhuadhan nan daoine anns gach teaghlach, cuidichidh freagairtean don cheist seo gus an ìre dha bheil àiteachan-fuirich tuilleadh is dòmhail ann an sgìre sam bith a shealltainn.

Am bu chòir dhomh seòmar-grèine a mheas mar sheòmar a bhios an teaghlach agam a’ cleachdadh?

Bu chòir ma ghabhas e cleachdadh mar àite-fuirich.

Am cuir mi seilear a-steach ann an àireamh nan seòmraichean?

Cuiridh, mas e gun gabh e cleachdadh mar àite-fuirich. cuiribh a-steach ann an àireamh nan seòmraichean e. Mas ann dìreach mar àite gus nithean a ghleidheadh na bhroinn a tha an seilear air a chleachdadh, na cuiribh a-steach ann an àireamh nan seòmraichean e.

Gu bàrr na duilleige

H9

An ann leibh fhèin no air mhàl a tha an t-àite-fuirich?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa. Tha “Ann an seilbh fhèin uile-gu-lèir" a' ciallachadh nach eil airgead sam bith ri phàigheadh air an àite-fhuirich seo.

Tha “Ann an seilbh le geall no le iasad” a’ toirt tarraing air teaghlaichean a tha a’ pàigheadh air ais an-dràsta air geall no air iasad sam bith a fhuaras don àite-fhuirich seo. Tha “Ann an seilbh am pàirt” a’ toirt tarraing air teaghlaichean a tha gach cuid a’ ceannach beagan de stoc-roinnean san t-seilbh agus a’ pàigheadh màl air a’ chuid eile dheth.

Cuidichidh freagairtean don cheist seo riaghaltas meadhanach agus ionadail gus atharrachaidhean air an iarrtas air taigheadas a mheas, goireasan a riarachadh agus planaichean is poileasaidhean mu thaigheadas ath-bhreithneachadh agus chur ri chèile.

Tha mi a’ fuireach ann am flat aig Comann-taigheadais a bhuineas dà thrian dheth dhomh fhìn gun mhorgaidse agus a bhuineas trian dheth don Chomann-taigheadais. Tha mi a’ pàigheadh faradh airson sheirbheisean ach chan eil mi a’ pàigheadh màl. Dè bu chòir dhomh a chur sìos mar fhreagairt, oir chan fhaic mi roghainn a tha a’ gabhail seo a-steach?

Cuiribh diog mu choinneamh ‘Pàirt ann an seilbh agus pàirt air mhàl’.

Gu bàrr na duilleige

H10

Tha mi a’ fuireach ann am flat aig Comann-taigheadais a bhuineas dà thrian dheth dhomh fhìn gun gheall agus a bhuineas trian dheth don Chomann-taigheadais. Tha mi a’ pàigheadh faradh airson sheirbheisean ach chan eil mi a’ pàigheadh màl, am bu chòir dhomh gun a’ cheist seo a fhreagairt mar sin?

Bu chòir, na freagraibh a' cheist seo agus rachaibh air adhart gu ceist H11.

Cò as uachdaran dhuibh?

Cuiribh diog dìreach ann an aon bhogsa. Na freagraibh a’ cheist seo ma tha sibh air “ann an seilbh uile-gu-lèir” no “ann an seilbh le morgaidse no le iasad” a thoirt mar fhreagairt do cheist H9.

Cuidichidh freagairtean don cheist seo riaghaltas meadhanach agus ionadail gus atharrachaidhean air an iarrtas air taigheadas a mheas, goireasan a riarachadh agus planaichean is poileasaidhean mu thaigheadas ath-bhreithneachadh agus chur ri chèile.

Gu bàrr na duilleige

H11

Dè an seòrsa de theasachadh-meadhanach a tha san àite-fhuirich?

Ma tha fios agaibh dè an seòrsa de theasachadh-meadhanach a th' ann, cuiribh diog sa bhogsa co-dhiù a bhios sibh ga chleachdadh gus nach bi.

Tha teasachadh-meadhanach dealain a’ gabhail a-steach siostam-lùtha na grèine agus na gaoithe, teasadairean-gleidhidh agus gineadairean dealanach. Dh’fhaodadh teasachadh-meadhanach gas LPG/gas ann am botail a chleachdadh no gas bhon phrìomh shiostam agus goileadair-gas a ruith mar bu thrice. Tha siostaman le goileadar-ola no stòbha nan eisimpleirean de shiostaman de theasachadh-meadhanach ola no stòbha.

Tha a’ cheist a’ cruthachadh bunait gus goireasan a sgapadh mu sgeamaichean gus taigheadas a leaschadh agus ath-nuadhachadh cho math mar dhòigh gus easbhaidh a mheas.

Gu bàrr na duilleige

H12

Cia mheud càr no bhana a th’ aig, no a dh'fhaodadh a bhith gan cleachdadh aig aon duine no barrachd anns an teaghlach agaibh?

Cuiribh diog ann an aon bhogsa agus (mas e ceithir no barrachd a th’ ann) cuiribh a-steach an àireamh.

Cuiribh a-steach càr no bhana sam bith aig companaidh ma bhios cothrom ri cleachdadh orra. Na cuiribh a-steach càr no bhana sam bith nach eil rim faotainn gus an cleachdadh, is e sin an fheadhainn air an nochdadh fo SORN. Na cuiribh a-steach motair-rothairean.

Carson a tha ceist ann mu àireamh nan càraichean?

Tha am fiosrachadh a’ cruthachadh bunait gus an t-iarrtas air còmhdhail phoblach a mheas agus gus beachd a ghabhail air an fheum air rathaidean ùra agus air leasachadh agus air gnothach a ghabhail ri dòmhlachadh-charbadan.

Gu bàrr na duilleige

H13

Carson a tha ceist ann mu theachd-a-steach?

Ann an cunntasan-sluaigh roimhe seo, thathar air teachd-a-steach a thomhas air dòighean eile, air am bonntachadh air, mar eisimpleir, an seòrsa de thaigh, seilbh taighe agus càir, gus àiteachan fo easbhaidh a chomharrachadh.

Ach chan eil iad seo buileach coileanta agus rachadh na feumalachdan anns a h-uile roinn a chòmhdach na b' fhèarr le ceist dhìreach mu theachd-a-steach.

Dè bu chòir a chur sìos mar theachd-a-steach?

Bu chòir teachd-a-steach aig a h-uile duine san teaghlach bho na h-àiteachan seo a leanas a chur sìos mar fhreagairt air ceist H13:

a) cosnadh (àm a bharrachd, duaisean, buannachdan, fèin-chosnadh san àireamh);

b) peinnseanan uile;

c) tabhartasan uile do dh’oileanaich (seach iasadan);

d) sochairean agus creideasan-cìse uile (mar shochairean-cloinne, shochair-ciorraim);

e) riadh uile bho chaomhnaidhean no bho thasgaidhean;

f) màl uile bho sheilbh (an dèidh cosgaisean a thoirt air falbh); agus

g) teachd-a-steach eile (mar chumail-suas no thabhartasan).

Gu bàrr na duilleige

H14

Dè an càirdeas a th’ eadar na daoine san teaghlach agaibh?

Cuiribh sìos an càirdeas aig a h-uile duine san teaghlach ri gach duine eile san teaghlach le diog sna bogsaichean iomchaidh.

Mas e nach eil ann ach aon duine san teaghlach, cha leig sibh leas a’ cheist seo a fhreagairt.

Carson a tha ceist ann mun chàirdeas eadar na daoine san teaghlach?

Bheir am fiosrachadh seo fiosrachadh seachad mu theaghlaichean a rèir dèanamh suas an teaghlaich, mar eisimpleir cia mheud teaghlach a th’ ann agus dè na h-atharrachaidhean air meud an teaghlaich a th' air a bhith ann. Thèid a chleachdadh gus àiteachan-fuirich agus seirbheisean a chur ri chèile do dhaoine aosta agus gus measadh a dhèanamh air an iarrtas a dh’fhaodadh a bhith air taigheadas bho theaghlaichean òga agus bho thaighean anns a bheil barrachd agus aon teaghlach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 1 agus 2

Carson a tha sibh a’ faighneachd mu cheann-là breith is mu ghnè?

Tha seo a’ toirt fiosrachadh mu bhuadhan an t-sluaigh anns gach sgìre ionadail agus ann an Alba is san Rìoghachd Aonaichte san fharsaingeachd. Tha na cunntasan-sluaigh seo gan cleachdadh le riaghaltas meadhanach gus airgead luchd-pàighidh cìse a sgapadh go ùghdarrasan ionadail agus gu ùghdarrasan-slàinte.

A bharrachd air seo, bidh am fiosrachadh a’ toirt taice gus seirbheisean poblach bunaiteach a dhealbhachadh agus a thoirt seachad agus còmhla ri fiosrachadh bho àiteachan eile, bidh e a' cruthachadh bunait gus atharrachaidhean air meud agus air cruth an t-sluaigh a chur air mhanadh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 1

Dè an t-ainm a th’ oirbh?

Cuiribh a-steach a’ chiad ainm agus an t-ainm mu dheireadh.

Tha ainm an duine air a’ cheisteachan a’ cuideachadh rinn gus a dhéanamh cinnteach gum bi fiosrachadh iomlan mu dhaoine air leth ann an teaghlaichean.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 2

A bheil sibh boireann no fireann?

Cuiribh diog dìreach ann an aon bhogsa.

Tha seo a’ toirt seachad bunait fiosrachaidh mu chruth an t-sluaigh ann an àiteachan seach àiteachan.

Cho math ri fiosrachadh mu aois agus staid-phòsaidh, thèid feum a chur air an fhiosrachadh gus meud agus cruth an t-sluaigh a thomhas aig ìre nàiseanta, roinneil agus ionadail agus gus airgead poblach a sgapadh gu ùghdarrasan ionadail, gu ùghdarrasan-slàinte agus gu iomairtean coimhearsnachd eile. Le bhith cur aois ’s gnè còmhla tha bunait air a cruthachadh sa chunntas gus atharrachaidhean air àireamhan an t-sluaigh a thomhas agus gus ìrean bàis, breith, pòsaidh is sgaradh-pòsaidh obrachadh a-mach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 3

Dè an ceann-là breith a th’ agaibh?

Cuiribh a-steach an latha, a’ mhìos agus a’ bhliadhna.

Bheir seo fiosrachadh cudromach seachad mu chruth an t-sluaigh a thaobh aoise air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus bheir e taic ris an sgrùdadh mhionaideach air bàs, breith, pòsadh agus sgaradh-pòsaidh.

Chan eil fhios agam air mo cheann-là-breith. Dè a nì mi?

Mur eil fhios agaibh air a' cheann-là, dèanaibh tuairmse air.

Chan eil fhios agam air ceann-là-breith fheadhainn de bhuill na dachaigh agus tha iad falbh 's chan fhaigh mi grèim orra. Dè a nì mi?

Mur eil fhios agaibh air a' cheann-là-breith aca, dèanaibh tuairmse air.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 4

Air 29 Màrt 2009, dè an staid laghail a th’ agaibh mu phòsadh no companas catharra ri neach den aon ghnè?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa. Tha a’ cheist mun staid a th’ aig neach an-dràsta. Mas e gu bheil sibh air sgaradh no nur banntraich no air pòsadh a-rithist, cuiribh diog mu choinneamh “Pòsta”.

Carson a dh’fheumas fios a bhith agaibh mu staid-phòsaidh?

Tha fiosrachadh mu staid-phòsaidh cudromach gus atharrachaidhean air pàtranan ann am pòsadh, ann an daoine a bhios a’ fuireach còmhla agus ann an cruth theaghlaichean a thuigsinn. Tha iad seo a’ bualadh air an ìre de thaigheadas a thathar a’ toirt seachad agus gus seirbheisean ionadail a dhealbhachadh.

A bharrachd air seo, tha fios mu staid-phòsaidh deatamach gus an ìre de dh'àiteachan-fuirich ùra a tha dhìth ann an sgìrean ionadail obrachadh a-mach.

Dè th’ ann an companas catharra?

Is e th’ ann an companas catharra companas laghail, a chaidh a chlàrachadh le dithis den aon ghnè.

Am feum mi freagairt a thoirt don cheist mu staid-phòsaidh paiste?

Feumaidh, taghaibh “Cha robh pòsta no ann an companas catharra riamh”.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 5

A bheil sibh nur sgoilear no nur n-oileanach làn-ùine?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Chaidh ceistean 5 is 6 a chur air a’ chuid as motha gus a dhèanamh cinnteach gun tèid fiosrachadh mu sgoilearan is oileanaich a thogail aig an t-seòladh aig am bi iad rè bliadhna na sgoile. Is e an sluagh rè bliadhna na sgoile ann an sgìre a thathar a’ cleachdadh gus na goireasan a bheir riaghaltas meadhanach do riaghaltas ionadail obrachadh a-mach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 6

A bheil sibh a’ fuireach aig an t-seòladh air aghaidh a’ cheisteachain seo rè bliadhna na sgoile, na colaiste no an oilthighe?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Na lìonaibh a-steach a’ cheist seo ma tha sibh air diog a chur ann an “chan eil gin seach gin” aig ceist 5. Mas e ‘aig seòladh eile’ an fhreagairt do cheist 6, na toiribh freagairt do cheistean sam bith eile don neach seo. Thèid fiosrachadh eile a thional aig an t-seòladh rè bliadhna na sgoile.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 7

Dè an dùthaich san d’ rugadh sibh?

Cuiribh diog ann am bogsa no lìonaibh a-steach bogsaichean-sgrìobhaidh.

Bheir am fiosrachadh bunait seachad gus àireamhan agus suidheachaidhean nan coimhearsnachdan imrich a-staigh aig am faodadh feumalachdan sònraichte a bhith a mheas mar thaic ri riarachadh ghoireasan no gus seirbheisean sònraichte a thoirt seachad.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 8

Mas e nach ann san Rìoghachd Aonaichte a rugadh sibh, cuine thàinig sibh mu dheireadh a dh'fhuireach an seo?

Cuiribh a-steach a’ mhìos agus a’ bhliadhna. Na cuiribh a-steach tilleadh bho làithean-saora no bho chuairtean beaga thall thairis.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 9

A bheil sibh an urra ri, no a’ toirt cuideachadh no taic do dhaoine eile san teaghlach, do charaidean, do nàbaidhean no do dhaoine eile ri linn ciorram corporra no inntinn a bhith orra no mar thoradh air duilgheadasan ceangailte ris an aois?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Na cuiribh a-steach càil sam bith mar chuid den obair-chosnaidh agaibh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 10

Aon bhliadhna air ais, dè an seòladh àbhaisteach a bh’ agaibh?

Bheir a' cheist seo fiosrachadh deatamach seachad mu ghluasad an t-sluaigh bho sgìre gu sgìre eile. Is e an cunntas-sluaigh an aon tobar-fiosrachaidh sam faodar earbsa chur mu imrich airson sgìrean beaga. Tha e cuideachd mar sgrùdadh mionaideach air gluasad luchd-imrich a rèir aoise, gnè agus cosnaidh.

Dè mura tèid agam air cuimhneachadh dè an seòladh a bh’ agam bliadhna air ais?

Mura faodar an seòladh làn a chuimhneachadh, bu chòir cuid den t-seòladh a chur a-steach, is e sin ainm sràide no baile, no baile agus dùthaich. Na fàgaibh bàn i.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 11

Dè an seòladh dham bi sibh a’ siubhal don phrìomh obair no don phrìomh chùrsa-rannsachaidh agaibh (a’ gabhail a-steach sgoil)?

Cuiribh diog ann an dìreach aon bhogsa agus cuiribh a-steach an seòladh.

Mas e gum bi sibh a’ siubhal do bharrachd agus aon seòladh, mar eisimpleir, seach gu bheil sibh ag obair agus nur n-oileanach le chèile, freagair airson an àite far am bi sibh a’ cosg a’ chuid as motha den tìde.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 12

Ciamar a bhios sibh a' siubhal mar as trice don phrìomh àite-obrach no àite-rannsachaidh (a’ gabhail a-steach sgoil) agaibh?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa. Cuiribh diog sa bhogsa don ìre as fhaide, a thaobh astair, den turas àbhaisteach agaibh gu obair no gu rannsachadh. Na toiribh freagairt don cheist seo mas e “Gun a bhith ag obair no a’ rannsachadh an-dràsta” no “Ag obair no a’ rannsachadh bhon taigh air a’ chuid as motha” a thug sibh mar fhreagairt do cheist 11.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 13

Dè an creideamh no a' bhuidheann-chreideimh dham buin sibh?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Mura bheil sibh deònach a' cheist seo a fhreagairt, fàgaibh bàn i 's lìonaibh a-steach a' chuid eile den cheisteachan.

Carson a tha ceist ann mu chreideamh?

Tha ùidh mhòr aig na buidhnean mòra creideimh ann an Alba san fhiosrachadh seo. Bidh e cuideachadh gus fo-bhuidhnean cinneadail a chomharrachadh, gus cur ri tuigsinn air sluagh ionadail, gus uallachaidhean laghail a chur air adhart fo reachdas mu cho-ionannachd agus gus casg a chur air leth-bhreith.

Ciamar a thèid feum a chur air an fhiosrachadh mu chreideamh?

Cuidichidh na freagairtean don cheist seo gus buaidh poileasaidhean an riaghaltais air às-dhùnadh sòisealta, cùram-coimhearsnachd, mì-chothrom a thaobh slàinte, leth-bhreith a thaobh creideimh, dàimh cinnidh agus co-ionannachd chothroman a thomhas. Faodaidh eagrachaidhean-creideimh, an riaghaltas agus ùghdarrasan ionadail feum a chur air an fhiosrachadh seo cuideachd gus seirbheisean-coimhearsnachd nas fheàrr a thoirt seachad.

Còmhla ris an fhiosrachadh mu chinneadh agus mun dùthaich san d’ rugadh neach, cuiridh e air chomas do riaghaltas meadhanach agus don riaghaltas ionadail, do dh’eagrachaidhean malairteach agus carthannais, tuigse nas fheàrr fhaighinn air feumalachdan choimhearsnachdan. Cuidichidh e ri riarachadh èifeachdach de ghoireasan agus ri dealbhachadh sheirbheisean.

Carson a tha iomradh air a bhith nad Phàganach?

Chaidh bogsa a chur airson a bhith nad Phàganach seach gun d' fhuaras gum b' e seo an earrann as motha de dhaoine a thagh "creideamh eile" mar roghainn ann an Cunntas-sluaigh 2001.

A bheil a’ cheist mu chreideamh a’ briseadh a-steach air saorsa chatharra is air còraichean daonna?

Chan eil. Tha a’ cheist a rèir Còmhdhail na h-Eòrpa air Còraichean Daonna. Nas mionaidiche, tha i a' gèilleadh ri Alt 8 mun chòir air urram do bheatha phrìobhaideach agus do bheatha an teaghlaich, agus ri Alt 9 my shaorsa smaoineachaidh, cogais agus creideimh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 14

Dè an ìomhagh nàiseanta a th' agaibh oirbh fhèin?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh no sgrìobhabh a-steach an fhreagairt agaibh. Is e sin do bharail a bheil sibh gur meas fhèin nad Albannach, nad Bhreatannach, nad Albannach is nad Bhreatannach le chèile, ìomhaigh nàiseanta sam bith eile no measgachadh de dh'ìomhaighean nàiseanta a bhith agaibh.

Chan eil a’ cheist a-mach air nàiseantachd laghail. ‘Se ceist shubsaigeach a th' ann agus bu chòir don neach freagairt a thoirt a rèir mar a bhios e fhèin a' comharrachadh na h-ìomhaigh aige.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 15

Dè a’ bhuidheann chinneadail dham buin sibh?

Taghaibh aon earrann bho A gu E agus an uair sin cuiribh diog sa bhogsa a bheir an conmharrachadh as fheàrr air a’ bhuidhinn chinneadail no an cùl-fhiosrachaidh agaibh.

Am faod mi a’ bhuidheann chinneadail agam a chomharrachadh mar rudeigin seach na roghainnean a tha sna bogsaichean?

Faodaidh. Tha ‘bogsa-sgrìobhaidh’ anns gach tè de na buidhnean cinneadail as cumanta far am faod daoine an comharrachadh anns an dòigh as miann leotha.

Carson a tha ceistean mu bhuidhnean cinneadail?

Tha seo a’ cuideachadh gus sùil a chumail air easbhaidh agus air às-dhùnadh sòisealta, leithid cothrom air cùram-slàinte, cosnadh, taigheadas no foghlam do bhuidhnean seach buidhnean.

Faodaidh daoine a’ chinnidheachd fhèin a chur sìos nam faclan fhèin air ceisteachan a' chunntais le bhith a' sgrìobhadh a-steach san àite a chaidh a thoirt seachad mas e gu bheil iad den bheachd nach eil gin de na bogsaichean iomchaidh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 16 - 18

Carson a tha ceistean mu chànanan ann?

Is e a’ Bheurla prìomh chànan na h-Alba. An dèidh sin, 's e cànan eile a tha aig tòrr dhaoine mar chànan na màthar aca agus bidh am fiosrachadh mun ìre seo agus mu fhileantas ann am Beurla a' cuideachadh gus solar sheirbheisean a dhealbhachadh, mar eisimpleir, seirbheisean eadar-theangachaidh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 16

A bheil sibh a’ tuigsinn, a’ bruidhinn, a’ leughadh no a’ sgrìobhadh Beurla no Gàidhlig?

Cuiribh diog sna bogsaichean a tha iomchaidh. Cuiribh diog ann an “chan eil gin” mas e nach eil sibh a’ tuigsinn Beurla no Gàidhlig.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 17

Dè cho fileanta agus a tha sibh sa Bheurla?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 18

A bheil sibh a’ bruidhinn cànan seach Beurla aig an taigh?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh agus sgrìobhaibh a-steach freagairt ma tha e iomchaidh.

Dè th’ anns a’ Bheurla Ghallta?

Tha a’ Bheurla Ghallta (uaireannan, ‘Albais’) na cànan a bhathas a’ bruidhinn ann an ceàrnaidhean de dh’Alba agus a thàinig bho chaochladh àiteachan, nam measg Northumbrian, Gearmailtis agus Lochlannais. D’fhaodadh tu “A’ Bheurla Leathann” no “Or an leid” a ghabhail oirre cuideachd. Am measg dual-chainntean na Beurla Ghallta tha Beurla Ghallta na Machrach, Doric, Aracais, Sealtainnis, cainnt Ghlaschu agus Beurla Ghallta nan Crìochan.

Dè th’ ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn?

Is e th’ ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn (BSL) an modh as bitheanta gus conaltradh a dhèanamh le comharraidhean eadar daoine a tha bodhar san Rìoghachd Aonaichte.

Tha nithean a bhuineas do na làmhan agus do nithean eile gan cleachdadh ann: cumaidhean agus gluasadan làimhe, fiamhan aodainn agus gluasad nan guaillean. Tha BSL air a stèidheachadh air an dòigh aige fhèin agus, mar a th' aig a h-uile cànan, tha a ghràmar fhèin aige.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 19

Ciamar a tha an t-slàinte agaibh san fharsaingeachd?

Cuiribh diog anns a' bhogsa a bheir an comharrachadh as fheàrr air an t-slàinte agaibh san fharsaingeachd.

Carson a tha sinn a' faighneachd mu shlàinte san fharsaingeachd?

Chunnacas gun robh am fiosrachadh seo ro fheumail airson ro-innse mu na seirbheisean-slàinte a bhios a dhìth.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 20

A bheil gin den fheadhainn seo a leanas oirbh, a mhair, no a thathar an dùil a mhaireas, fad 12 mhìos air a' char as lugha?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh.

Dè tha thu a’ comharrachadh mar dhoille?

Tha seo na tomhas susbaigeach don neach a tha a’ lìonadh a-steach a’ cheisteachain; ma tha iad den bheachd gu bheil iad dall no gu math mall san fhradharc, faodaidh iad diog a chur sa bhogsa.

Dè tha thu a' comharrachadh mar bhuidhre?

Tha seo na tomhas susbaigeach don neach a tha a’ lìonadh a-steach a’ cheisteachain; ma tha iad den bheachd gu bheil iad bodhar no gu math mall san èisteachd, faodaidh iad diog a chur sa bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

 

Ceist Phearsanta 21

A bheil bacadh sam bith air na nì thu gach là mar thoradh air trioblaid le slàinte no ciorram a mhair, no a thathar an dùil a mhaireas, 12 mhìos air a' char as lugha?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa. Thoiribh iomradh air trioblaid a tha mar thoradh air an aois.

Carson a thathar a’ faighneachd mu thinneas o chionn fhada?

Thathar a’ cur na ceiste seo gus am bi tuigse nas fheàrr ann air an àireamh de dhaoine air a bheil tinneas agus ciorram o chionn fhada agus gus seirbheisean leithid cùram-dachaigh agus cùram-faothachaidh nas fheàrr a dhealbhachadh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 22

Ma tha sibh aig aois 16 no nas sine – Rachaibh gu ceist 23

Ma tha sibh aig aois 15 no nas òige – Rachaibh gu ceist 38

 

Air a’ cheisteachan air-loidhne, thèid ur toirt dhan ath cheist a tha iomchaidh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 23

Dè na teisteanasan a th’ agaibh às an fheadhainn seo a leanas?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh, ma tha gin dhe na teisteanasan sin agaibh.

Mura bheil an teisteanas air ainmeachadh, cuiribh diog sa bhogsa anns a bheil an teisteanas as fhaisge air.

Carson a tha ceist ann mu theisteanasan?

Feumaidh an comas a bhith againn sgilean an t-sluaigh aig ìre ionadail a chomharrachadh, feumaidh fiosrachadh làidir a bhith againn gus cruth a chur air dealbhachadh, bacaidhean aithneachadh agus daoine chuideachadh gus na sgilean a dhìth orra gus cosnadh fhaighinn a leasachadh.

Tha beagan Ìrean Cumanta (O Levels) GCE agam – càite am bu chòir an cur a-steach?

Cuiribh diog sa bhogsa airson “Ìre Chumanta, Ìre Àbhaisteach ...”

Carson a tha PhD agus teisteanas eile an dèidh ceum a thoirt a-mach san aon earrainn ri ceuman fhèin?

Cha leig sibh leas fiosrachadh cho mionaideach seo a thoirt seachad.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 24

Air an t-seachdain sa chaidh an robh sibh?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh. Cuiribh a-steach cosnadh sam bith, obair bho àm gu àm no fad greis san àireamh, ged nach biodh ann ach uair a thìde de dh’obair. ’S e th’ ann an neach-obrach cuideigin a bhios ag obair do dh’fhastaidhear. Tha sibh ag obair air ur ceann fhèin ma gheibh sibh ur beò-shlàint bhon mhalairt no bhon ghnìonmhachas agaibh fhèin, seach a bhith ag obair do dhuine no do ghnìomhachas eile.

Faodaidh fiosrachadh mu chosnadh agus mu chion-cosnaidh, cho math ri dreuchdan agus teisteanasan, cuideachadh gus sealltainn far a bheil am feum as motha air sgeamaichean-trèanaidh. Bidh e a’ cuideachadh luchd-fastaidh cuideachd gus gnìomhachas a chur air bhonn far a bheil saothair ri fhaighinn mar-thà. Thèid feum a chur air an fhiosrachadh mu ìre nan daoine a tha ag obair air an ceann fhèin airson sùil a chumail air iomairtean gus gnìomhachas ùr a bhrosnachadh.

Am feum oileanaich a tha ag obair pàirt-ùine ceist 24 a fhreagairt?

Bu chòir do dh’oileanaich sealltainn gu bheil iad ann am foghlam làn-ùine ann an ceist 5 agus gu bheil iad ag obair mar neach-obrach ann an ceist 24. Cha bhi aca ri ceist 28 a fhreagairt.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 25

An robh sibh a’ sireadh cosnadh de sheòrsa sam bith sna ceithir seachdainean a chaidh seachad?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 26

Nam b’ e gun robh obair a’ dol air an t-seachdain sa chaidh, an robh sibh air a bhith deònach tòiseachadh innte an taobh a-staigh dà sheachdain?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 27

Air an t-seachdain sa chaidh, an robh sibh a’ feitheamh tòiseachadh ann an obair a fhuair sibh a-cheana?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 28

Air an t-seachdain sa chaidh an robh sibh?

Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh. Is e th’ ann an “oileanach” cuideigin a tha air a c(h)làrachadh no a bhios a’ frithealadh air clasaichean ann an colaiste no aig oilthigh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 29

An robh sibh ag obair riamh?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa. Mas e “Bha” an fhreagairt agaibh, sgrìobhaibh a-steach an t-àite mu dheireadh anns an robh sibh ag obair. Mas e “Cha robh” an fhreagairt agaibh, rachaibh gu ceist 38.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 30

Freagraibh ceist 31 gu 37 mun phrìomh obair agaibh no, mura bheil sibh ag obair, a' phrìomh obair mu dheireadh a bh’ agaibh.

Is e a' phrìomh obair agaibh an obair anns am bi/anns an robh sibh ag obair na h-uairean as motha/a bu mhotha mar as trice/bu thrice.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 31

Dè th’ annaibh/bh’ annaibh anns a’ phrìomh obair agaibh?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 32

Dè an tiotal-obrach làn agus sònraichte a th’ agaibh/bh’ agaibh?

Sgrìobhaibh a-steach an tiotal-obrach agaibh. Na toiribh iomradh air an ìre no air an tuarastal agaibh.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 33

Thoiribh cunntas air na bhios sibh a’ dèanamh/na rinn sibh anns a’ phrìomh obair agaibh?

Sgrìobhaibh a-steach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 34

Am bi/an robh sibh a’ stiùireadh luchd-obrach sam bith?

Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 35

Cia mheud uair (don uair làn as fhaisge oirre) a bhios/bha sibh ag obair mar as trice/bu thrice sa phrìomh obair agaibh?

Sgrìobh a-steach àireamh nan uairean a bhios/bha sibh ag obair ann an seachdain àbhaisteach. Ma tha seo 99 uairean a thìde no barrachd, sgrìobhaibh a-steach “99”.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 36

Aig an ionad-obrach agaibh, dè an gnìomh as motha/a bu mhotha a bhios/bha aig an fhastaidhear no a’ ghnìomhachas agaibh?

Sgrìobhaibh a-steach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 37

Anns a’ phrìomh obair agaibh, dè an t-ainm a bhios/bha air an eagrachadh dham bi/dhan robh sibh ag obair?

Sgrìobhaibh a-steach.

Gu bàrr na duilleige

Ceist Phearsanta 38

Chan eil ceist sam bith eile don neach seo.

Rachaibh gu na ceistean don ath dhuine, mas iomchaidh.

Mura bheil daoine sam bith eile san teaghlach agaibh, cha leig sibh a leas ceistean sam bith eile fhreagairt.