Air an làraich-lìn seo, gheibhear fiosrachadh mu ullachaidhean airson an ath chunntais shluaigh a ghabhas àite air 27 Am Màrt 2011.
Tha cunntas sluaigh na h-Alba air a chur air dòigh le Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson na h-Alba (GROS). Rinn iad ro-ullachadh airson an ath chunntais shluaigh ann an Dùn Èideann, Leòdhas agus na Hearadh na bu thràithe am-bliadhna.
Bidh an cunntas sluaigh a’ tional fiosrachadh air feartan sònraichte dhaoine is theaghlaichean na dùthcha a h-uile 10 bliadhna. Bidh riaghaltasan ionadail ‘s an t-àrd-riaghaltas, ùghdarrasan slàinte agus iomadh buidheann eile ga chleachdadh airson seirbheisean teachdail a dhealbhadh is a thoirt dha na h-uile.