Meud clòtha: A|A|A

Beurla agus Gàidhlig

Dh’fhoillsicheadh an duilleag seo airson Ro-chunntas-sluaigh na h-Alba as t-earrach 2009. Ùraichear am fiosrachadh na broinn nuair a thèid crìoch a chur air ceisteachan Cunntais-shluaigh 2011.

Tha an ceisteachan ri fhaotainn air-loidhne ann am Beurla agus Gàidhlig agus faodar a lìonadh a-steach ann an cànan seach cànan.

Chan eil ceisteachain pàipeir rim faotainn ach ann am Beurla, agus feumar an lìonadh ann am Beurla.

Cànan Balbhanachd Bhreatainn (BSL)

Ma tha ciorramachd claisneachd oirbh, faodaidh sibh a dhol a-steach a choimhead air geàrr-phìosan bho bhidio Cànan Balbhanachd Bhreatainn (BSL) far am bi ceistean Cunntais-shluaigh air an eadar-theangachadh dhuibh.

Cànanan Eile

Mura h-e Beurla ur ciad chànan, tha raon de sheirbheisean rim faotainn gus ur cuideachadh le lìonadh a-steach a’ cheisteachain ann am Beurla, an dàrna cuid air-loidhne no air pàipear.

Tha eadar-theangachadh de cheistean a’ Chunntais-shluaigh rim faotainn anns na cànanan a leanas:

Arabais
Lùchd a-nuas mar PDF (835KB)

Bengali
Lùchd a-nuas mar PDF (1.12MB)

Cantonais
Lùchd a-nuas mar PDF (2.66MB)

Farsi
Lùchd a-nuas mar PDF (781KB)


Filipinis
Lùchd a-nuas mar PDF (855KB)

Fraingis
Lùchd a-nuas mar PDF (854KB)

Hindi
Lùchd a-nuas mar PDF (731KB)

Pòlainnis
Lùchd a-nuas mar PDF (976KB)

Punjabi
Lùchd a-nuas mar PDF (704KB)

Turcais
Lùchd a-nuas mar PDF (716KB)

Urdu
Lùchd a-nuas mar PDF (799KB)

Gabhaidh iad seo an luchdachadh a-nuas bhon làraich-lìn no faodar lethbhreac pàipeir fhaotainn le bhith a’ cleachdadh a’ ghoireis-fhiosrachaidh dhealanaich.

Air an làimh eile, cuiribh fios gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh 0845 603 1823 no teacsa-fòn 0845 603 1824.

Tha taic cànain a bharrachd ri fhaotainn le bhith a’ cur fios gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh air na h-àireamhan gu h-àrd.