Gheibh Leòdhas agus na Hearadh buannachd à timcheall air 20 obair shealach agus an sgìre a’ gabhail pàirt ann an an ro-chunntais-shluaigh sa Mhàrt 2009, dh’ainmich Dòmhnall Màrtainn, manaidsear roinneil a’ Chunntais-shluaigh, an-diugh.
Bidh Mgr Màrtainn agus an iar-mhanaidsear sgìreil Cunntais-shluaigh aige, Lorna Eller, a’ stiùireadh dà cheannard sgioba agus 17 àirmhichean (luchd-gabhail Cunntais-shluaigh) ann an lìbhrigeadh agus tional cheisteachan Cunntais-shluaigh bho chòrr agus 10,000 teaghlach ionadail.
Tha an ro-chunntas air 29 Màrt, ag amas air deuchainn a chur mu choinneamh an òrdachaidh airson an ath chunntais-sluaigh ann an Alba a bhios a’ gabhail àite air 27 Màrt 2011. Bidh e a’ tabhann cothrom do theaghlaichean ceisteachain a lìonadh air-loidhne airson a’ chiad uair agus faodar an ceisteachan air-loidhne a lìonadh ann an Gàidhlig no ann am Beurla.
Thuirt Mgr Màrtainn: “Tha seo na chothrom do Leòdhas agus na Hearadh cumadh a thoirt air an ath chunntas-sluaigh ann an Alba. Bidh tilleadh cheisteachain pàipeir no air-loidhne gar cuideachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air am feum ceistean a’ Chunntais-shluaigh agus an dòigh lìbhrigidh agus làimhseachaidh a ghrinneachadh mus bi an Cunntais-shluaigh air feadh Alba ann an 2011.
“Tha sinn gu h-àraid airson deuchainn a chur mu choinneamh an òrdachaidh airson luchd-labhairt na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach an roghainn a th’ ann do theaghlaichean an ceisteachan aca a lìonadh a-steach air-loidhne ann an Gàidhlig. Is e an ath chunntais-sluaigh a’ chiad chunntas-sluaigh bho thàinig Achd na Gàidhlig gu bith agus tha sinn an làn dòchais gun gabhar cothrom air an roghainn Ghàidhlig air-loidhne.
“Tha an cunntas-sluaigh na mhion-dhealbh air an àireamh de dhaoine agus air feartan dhaoine ann an Alba air latha a’ Chunntais-shluaigh. Tha na toraidhean aige a’ cuideachadh Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar le planadh agus maoineachadh ar seirbheisean poblach - slàinte, foghlam, còmhdhail – stèidhichte air ar feumalachdan.
“Tha sinn airson sgioba earbsach de dh’àirmhichean a chur ri chèile. Tha sinn a’ coimhead airson tagraichean aig a bheil ùidh ann an cuideachadh dhaoine, a chionn agus gu bheil a bhith an sàs san obair a’ ciallachadh gum bithear a’ mìneachadh do dhaoine air an stairsnich carson a bu chòir dhaibh pàirt a ghabhail anns an ro-chunntas-shluaigh agus a’ freagairt cheistean sam bith a dh’fhaodadh a bhith aca. Bhiodh luchd-labhairt na Gàidhlig air leth freagarrach.
“Bidh àirmhichean comasach air eallach na h-obrach aca fhèin a stiùireadh, agus ged a tha dreuchdan Cunntais-shluaigh sealach, tha iad a’ giùlain ìre àrd de dh’uallach. Tha gach neach a tha ag obair le mion-fhiosrachadh pearsanta Cunntais-shluaigh air an sgrùdadh airson tèarainteachd agus feumaidh iad an ainm-sgrìobhaidh a chur ri gealladh gun dìon iad dìomhaireachd an fhiosrachaidh sna ceisteachain.”
Thuirt Mgr Màrtainn, a chaidh a chur do dhreuchd a’ mhanaidsear roinneil san Lùnastal am-bliadhna:
“Tha mi air a bhith ag obair sna h-Eileanan an Iar airson iomadh bliadhna, an dà chuid san ùghdarras ionadail agus mar Àrd-oifigear Chomunn na Gaidhlig. Le bhith air mo bhreith agus air mo thogail agus air a bhith ag obair sna h-eileanan, tha mi glè eòlach air an àite agus air na daoine. Tha an dleastanas agamsa, ged a tha e eadar-mheasgte, gu mòr an sàs ann am fastadh, trèanadh, brosnachadh sgioba làidir agus a’ togail mothachadh dhan chunntas-sluaigh an taobh a-staigh na coimhearsnachd ionadail.”
Lùchd a-nuas mar WMA (182KB) | Luchd a-nuas mar MP3 (171KB)
1. Gach 10 bliadhna tha luchd-staitistig na h-Alba ann an Oifis Choitcheann Clàraidh na h-Alba (GROS) a’ cleachdadh a’ Chunntais-shluaigh gus faighneachd dhuinn mu dheidhinn ar suidheachadh – aois, slàinte m.s.a.a. Is e an cunntas-sluaigh an aon tomhais earbsach a th’ ann den àireamh-sluaigh air fad – tha gach fear, tè agus pàiste air an cunntadh air latha a’ Chunntais-shluaigh.
2. Bidh Mgr Màrtainn a’ fastadh na sgioba aige ann an dà ìre a’ tòiseachadh leis an dà stiùiriche sgioba airson a’ Chunntais-shluaigh – air am bi feum bho 6 Faoilleach gu 1 Cèitean. Leanaidh e air an sin leis na 17 àirmhichean bho 2 Màrt gu 27 Giblean. Tha an tuarastal agus na h-uairean eadar-dhealaichte a rèir na dreuchd. Bidh tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig
http://www.gro-scotland.gov.uk/census/censushm2011/census-vacancies/index.html
3. Bidh luchd-còmhnaidh taobh an iar Dhùn Èidinn agus Leòdhas ’s na Hearadh mar a’ chiad fheadhainn san Rìoghachd Aonaichte, a bhios a’ feuchainn a-mach nan ceisteachan Cunntais-shluaigh air-loidhne nuair a ghabhas iad pàirt san ruith-thairis. Faodaidh cinn-taighe an dòigh as fhasa dhaibh a thaghadh: ceisteachan pàipeir no air-loidhne. Tha gabhail pàirt san ro-chunntas saor-thoileach, ach tha compàirt anabarrach cudromach gus dèanamh cinnteach gum bi an cunntas-sluaigh fhèin ceart ann an 2011.
4. Bidh an ceisteachan Cunntais-shluaigh air fhoillseachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna.
5. Lorg Cunntas-sluaigh 2001 gun robh comas beag air choreigin sa chànan Ghàidhlig aig 92,000 de shluagh Alba (dìreach fo 2 sa cheud den àireamh-sluaigh) agus gun robh faisg air an leth dhiubh sin a’ fuireach sna h-Eileanan Siar, air a’ Ghàidhealtachd no ann an Earra-Ghàidheal is Bòid. Tha an cunntas-sluaigh air a bhith a’ cur ceist air daoine mu an comas sa Ghàidhlig bho 1891.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus togail dhealbh no fiolmadh a rèiteachadh aig Oifis a’ Chunntais-shluaigh ann an Colaisde a’ Chaisteil, cuiribh brath gu Dòmhnall Màrtainn air 07766160453.
http://www.gro-scotland.gov.uk/census/censushm2011/index.html