Meud clòtha: A|A|A
Diluain 27 Dàmhair 2008

Dreuchdan an Ro-chunntais airson Dùn Èidinn an Iar

Tha timcheall air 100 obair shealach gan tairgsinn agus taobh an iar Dhùn Èidinn a’ gabhail pàirt ann an an ro-chunntais-shluaighsa Mhàrt 2009, dhaingnich Daibhidh MacSteaphain, manaidsear roinneil a’ Chunntais-shluaigh, an-diugh.

Is e Mgr MacSteaphain, a tha 28 bliadhna a dh’aois, am manaidsear roinneil Cunntais-shluaigh as òige a bha a-riamh ann an Alba. Chaidh a chur dhan dreuchd san Lùnastal am-bliadhna agus tha mòran eòlais aige air seirbheis luchd-cleachdaidh agus air stiùireadh phròiseactan.

Daibhidh MacSteaphain

Bidh Mgr MacSteaphain, agus iar-mhanaidsearan sgìreil Cunntais-shluaigh, Caitrìona Barbour agus Greum Torrie, a’ cumail sùil air ochdnar cheannardan sgiobaidh agus timcheall air 90 àirmhichean (luchd-gabhail Cunntais-shluaigh) ann a bhith a’ lìbhrigeadh agus a’ tional nan ceisteachan Cunntais-shluaigh bho chòrr agus 40,000 teaghlaichean ionadail.

Tha an ro-chunntas-sluaigh air 29 Màrt, ag amas air deuchainn a chur mu choinneamh an òrdachaidh airson an ath chunntas-sluaigh ann an Alba a bhios a’ gabhail àite air 27 Màrt 2011. Bidh e a’ tabhann cothrom do theaghlaichean ceisteachain a lìonadh air-loidhne airson a’ chiad uarach.

Thuirt Mgr MacSteaphain: “Tha seo na chothrom do thaobh an iar Dhùn Èidinn cumadh a thoirt air an ath chunntas-sluaigh ann an Alba. Bidh tilleadh cheisteachan pàipeir no air-loidhne gar cuideachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air am feum ceistean a’ Chunntais-shluaigh agus an dòigh lìbhrigidh agus làimhseachaidh a ghrinneachadh mus bi an Cunntais-shluaigh air feadh Alba ann an 2011.

“Bidh an Ro-chunntas-sluaigh ann an taobh an iar Dhùn Èidinn a’ cur deuchainn mu choinneamh na dòigh-obrach a tha ann a thaobh cruinneachadh fiosrachaidh mu dheidhinn dhaoine a tha a’ fuireach ann an tallaichean oileanach, taighean cùraim, prìosan Saughton agus àiteachan fuirich sealach, a thuilleadh air a h-uile teaghlach san sgìre, a’ gabhail a-steach dhaoine às an Roinn Eòrpa an Ear agus mion-choimhearsnachdan eile.

“Tha an cunntas-sluaigh na mhion-dhealbh air an àireamh de dhaoine agus air feartan dhaoine ann an Alba air latha a’ Chunntais-shluaigh. Tha na toraidhean aige a’ cuideachadh Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Bhaile Dhùn Èidinn le planadh agus maoineachadh ar seirbheisean poblach - slàinte, foghlam, còmhdhail – stèidhichte air ar feumalachdan.

“Tha sinn airson sgioba earbsach de dh’àirmhichean a chur ri chèile. Tha sinn a’ coimhead airson tagraichean aig a bheil ùidh ann an cuideachadh dhaoine, a chionn agus gu bheil a bhith an sàs san obair a’ ciallachadh gum bithear a’ mìneachadh do dhaoine air an stairsnich carson a bu chòir dhaibh pàirt a ghabhail ann an an ro-chunntais-shluaigh agus a’ freagairt cheistean sam bith a dh’fhaodadh a bhith aca.

“Bidh àirmhichean comasach air eallach na h-obrach aca fhèin a stiùireadh, agus ged a tha dreuchdan Cunntais-shluaigh sealach, tha iad a’ giùlain ìre àrd de dh’uallach. Tha gach neach a tha ag obair le mion-fhiosrachadh pearsanta Cunntais-shluaigh air an sgrùdadh airson tèarainteachd agus feumaidh iad an ainm-sgrìobhaidh a chur ri gealladh gun dìon iad dìomhaireachd an fhiosrachaidh sna ceisteachain.”

Thuirt Mgr MacSteaphain cuideachd: “Is e cothrom math a th’ ann dhomh fhìn a bhith ag obair mar mhanaidsear roinneil. Tha an cunntas-sluaigh mar chlach-oisean ar comainn shòisealta, a’ solarachadh an fhiosrachaidh a dh’fheumas an riaghaltas agus gnothachasan airson buaidh dheimhinneach a thoirt air ar beatha. Tha an dleastanas agamsa, ged a tha e eadar-mheasgte, gu mòr an sàs ann am fastadh, trèanadh, brosnachadh sgioba làidir agus a’ togail mothachadh dhan chunntais-sluaigh an taobh a-staigh na coimhearsnachd ionadail.”

Notaichean do luchd-deasachaidh

1. Gach 10 bliadhna tha luchd-staitistig na h-Alba ann an Oifis Choitcheann Clàraidh na h-Alba (GROS) a’ cleachdadh a’ Chunntais-shluaigh gus faighneachd dhuinn mu dheidhinn ar suidheachadh – aois, slàinte m.s.a.a. Is e an cunntas-sluaigh an aon tomhais earbsach a th’ ann den àireamh-sluaigh air fad – tha gach fear, tè agus pàiste air an cunntadh air latha a’ Chunntais-shluaigh.

2. Bidh Mgr MacSteaphain a’ fastadh na sgioba aige ann an dà ìre a’ tòiseachadh leis na h-ochd stiùirichean sgioba airson a’ Chunntais-shluaigh – air am bi feum bho 6 Faoilleach gu 1 Cèitean. Leanaidh e air an sin le 90 àirmhiche bho 2 Màrt gu 27 Giblean. Tha an tuarastal agus na h-uairean eadar-dhealaichte a rèir na dreuchd. Bidh a thuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig http://www.groscotland.gov.uk/census/censushm2011/census-vacancies/index.html

3. Bidh luchd-còmhnaidh taobh an iar Dhùn Èidinn agus Leòdhas ’s na Hearadh mar a’ chiad fheadhainn san Rìoghachd Aonaichte, a bhios a’ feuchainn a-mach nan ceisteachan Cunntais-shluaigh air-loidhne nuair a ghabhas iad pàirt san ruith-thairis. Faodaidh cinn-taighe an dòigh as fhasa dhaibh a thaghadh: ceisteachan pàipeir no air-loidhne. Tha gabhail pàirt san ro-chunntas saor-thoileach, ach tha compàirt anabarrach cudromach gus dèanamh cinnteach gum bi an cunntas-sluaigh fhèin ceart ann an 2011.

4. Tha sgìre an ro-chunntais ann an Dùn Èideann an Iar a’ còmhdach nan 10 earrannan cò-puist a leanas: EH11 1 gu EH11 4, EH12 5 gu EH12 9 agus EH14 4. Tha i a’ ruith bho Haymarket agus Viewforth ann am meadhan a’ bhaile gu ruig am port-adhar agus bho sgìre Riccarton a dh’ionnsaigh taobh an iar a’ bhaile.

5. Bidh an ceisteachan Cunntais-shluaigh air fhoillseachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu:
Daibhidh MacSteaphain 07766361810

http://www.gro-scotland.gov.uk/census/censushm2011/index.html