Meud clòtha: A|A|A

Taic airson a’ Chunntais-shluaigh

Bidh riaghaltasan, ùghdarrasan ionadail, gnìomhachasan, luchd-acaideimigeach agus iomadach buidheann eile a’ cleachdadh thoraidhean cunntais gus planaichean a dhèanamh a thaobh ar feumalachdan. Tha cunntas a’ foillseachadh ar feuman mar dhùthaich, mar sgìre no mar bhaile, no mar bhuidheann de dhaoine anns gach sgìre. Tha na toraidhean a’ ciallachadh gun urrainn planaichean agus maoineachadh freagarrach a bhith stèidhichte airson sheirbheisean poblach. Tha diofar bhuidhnean a bhios a’ cleachdadh dàta a’ chunntais air mìneachadh carson a tha na toraidhean cudromach dhaibhsan.

Seòmar Malairt Dhùn Èidinn

“Tha staitistig mionaideach airson an latha an-diugh deatamach airson planaichean a dhèanamh aig gach ìre. Bho riaghaltas ionadail gu nàiseanta gu eadar-nàiseanta, thèid planaichean a dhèanamh a thaobh phoileasaidhean agus stòrasan. Feumaidh fios a bhith aig buidhnean san roinn phrìobhaidich agus san roinn phoblaich air mar a tha cùisean gus an cuideachadh ann a bhith a’ gleidheil luchd-obrach, agus ann a bhith a’ lorg luchd-obrach ùr; agus airson planaichean a dhèanamh a thaobh thasgaidhean is loidsistigs. Fiù ’s airson teaghlaichean agus airson daoine fa leth, tha e feumail fios a bhith againn mu mar a tha cùisean. Tha ìre fàs nas soirbheachaile aig Dùn Èideann an Iar na tha aig Shanghai, ’s mar sin, ’s e àite fìor mhath a th’ ann airson na nì eaconamaidh soirbheachail, agus na dùbhlanan a tha fhathast ann, a thuigse."

Comataidh Staitistigs Sluaigh is Imrich

“Tha an cunntas-sluaigh a’ toirt a’ bhun-fhiosrachaidh a tha feumail do riaghaltas ionadail gus planaichean a chur air chois airson sheirbheisean a lìbhrigeadh - far an tèid sgoiltean ùra a thogail, na th’ anns an sgìre de sheann dhaoine a bhios a’ cur feum air seirbheisean sòisealta, na th’ ann de chàraichean air ar rathaidean.

“’S e an aon stòras cinnteach airson fiosrachadh sgìreil a th’ againn. Ma tha sinn airson faighinn a-mach mu ar sgìre, gheibh sinn e bhon chunntas-shluaigh.”

Cobhair do Sheann Dhaoine:
‘Help the Aged’ an Alba

“Tha fios againn gu bheil an àireamh de sheann dhaoine ann an Alba a’ meudachadh, agus còmhla ri seo, tha feumalachdan sònraichte. Tha e air leth cudromach do bhuidhnean dher leithid gu bheil aithne againn air an àireamh de sheann dhaoine, na feumalachdan aca a thaobh an cuid slàinte, agus far a bheil iad, ’s gum bi na seirbheisean freagarrach air an stèidheachadh far a bheil feum orra - agus sin far a bheil an cunntas deatamach dhuinne.”

Bòrd na Gàidhlig

"Tha ceistean air a bhith gam faighneachd mun Ghàidhlig anns gach cunntas-sluaigh ann an Alba bho 1881, nuair a rinn Comann Gàidhlig Inbhir Nis cùis airson ceist a chur mu chomas labhairt sa Ghàidhlig ‘airson math nan Gàidheal.' Ann an cunntasan-sluaigh sna bliadhnaichean a chaidh seachad tha ceistean air a bhith gam faighneachd mu chomasan a thaobh leughadh, sgrìobhadh agus tuigsinn na Gàidhlig. Tha na ceistean sin air cothrom a thoirt seachad, a thaobh mion-fhiosrachadh co-cheangailte ri meud agus farsaingeachd chomasan ann an Gàidhlig, a bhith nas fheàrr air a thuigsinn agus air a dhaingneachadh.

"Bho àm a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh, tha tomhaisean a bharrachd air an cur an gnìomh gus Gàidhlig a neartachadh:
• Achd an Gàidhlig (Alba) 2005
• Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh mar an t-ùghdarras reachdail airson Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2006
• Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus planaichean Gàidhlig ùghdarrasan ionadail is bhuidhnean air a bhith gan leasachadh bho 2007 agus às a dhèidh.
• Thòisich BBC Alba, an sianal telebhisean Gàidhlig, ann an 2008.
• Tha leasachaidhean a thaobh foghlam Gàidhlig air an stèidheachah cuideachd.

"Nì toraidhean a’ chunntais-sluaigh cuideachadh le bhith a’ solarachadh barrachd fiosrachaidh a thaobh mar a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh. Cuidichidh na ceistean co-cheangailte ri Gàidhlig sa chunntais-sluaigh le solar ghoireasan do luchd-labhairt, luchd-cleachdaidh, luchd-èisteachd agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd."