Tha dìomhaireachd an fhiosrachaidh air a sholarachadh mu dhaoine fa leth agus mu theaghlaichean air a dhìon airson 100 bliadhna às dèidh a’ Chunntais-shluaigh. Gus an sin, cha bhi sinn a’ foillseachadh ach staitistigean gun urra a bhios a’ togail dealbh de dh’fheumalachdan agus de dh’fheartan na h-Alba gu h-iomlan agus na buidhnean is na coimhearsnachdan an taobh a-staigh dhi.
Tha smachd teann ga chumail air ruigsinneachd air dàta Cunntais-shluaigh a dh’fhaodadh teaghlaichean no daoine fa leth a chur an aithne. Dh’àithn Achd Cunntais-shluaigh 1920 gur e oilbheum eucorach a bh’ ann fiosrachadh dìomhair Cunntais-shluaigh fhoillseachadh gu mì-laghail. Leudaich Achd Cunntais-shluaigh (Dìomhaireachd) 1991 air an seo gu daoine agus gnothachasan ag obair mar phàirt de phròiseas a’ Chunntais-shluaigh. Tha càin suas gu £1000 ann mar pheanas airson foillseachadh mì-laghail air fiosrachadh Cunntais-shluaigh, no binn prìosain suas gu dà bhliadhna no an dà chuid.
Tha e riatanach do gach neach a tha ag obair le fiosrachadh dìomhair Cunntais-shluaigh – luchd-obrach maireannach, luchd-obrach sealach a-muigh a bhios a’ làimhseachadh cheisteachan, agus luchd-obrach chunnradairean sam bith a tha ag obair air a’ Chunntas-shluaigh – an ainm-sgrìobhaidh a chur ri gealltanas sgrìobhte gus an tuigse air an uallaichean reachdail a dhaingneachadh, agus na peanasan co-cheangailte ris a’ ghealltanas sin a bhriseadh.
Tha sinn a’ tuigsinn gum feum daoine a bhith misneachail gu bheil am fiosrachadh pearsanta air a ghleidheadh gu tèarainte. Bidh sealbh aig Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba air an fhiosrachadh pearsanta Cunntais-shluaigh uile, agus bidh iad ga dhìon tro cheuman tèarainteachd teann. Tha eachdraidh fada againn a thaobh a bhith soirbheachail ann an dìon dìomhaireachd fiosrachaidh a chaidh a thional. Tha sinn ag ath-sgrùdadh ar modhan tèarainteachd gu cunbhalach, agus gan leasachadh nuair a bhios e riatanach. Tha sinn air buidheann neo-eisimeileach fhastadh gus sgrùdaidhean a ruith air ar modhan tèarainteachd agus air ar dòighean obrach a thaobh Ro-chunntais-shluaigh 2009.
Faodaidh sibh a bhith misneachail gum bi am fiosrachadh pearsanta a sholaraicheas sibh sa cheisteachan Cunntais-shluaigh agaibh air a ghleidheadh airson 100 bliadhna.