Tha modhan obrach tèarainte gus mion-fhiosrachadh pearsanta a dhìon mar bhunait air Cunntas-sluaigh na h-Alba agus an ro-chunntas.
Nuair a thathar air dèiligeadh le ceisteachain pàipeir an ro-chunntais, cumaidhOifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS) am fiosrachadh sàbhailte gus am faighear air faighinn cuidhteas nam pàipearan gu tèarainte.
Tha ceisteachain an ro-chunntais air an tilleadh air-loidhne air an dìon tro mhodhan obrach tèarainte a tha làidir. Aon uair agus gu bheil dàta air a luachadh, nì GROS cinnteach gum bi uidheam stòraidh dàta uile a chaidh a chleachdadh aig àm crìochnachaidh air-loidhne air a dhubhadh às agus / no air a sgrios gu tèarainte. Bidh am pròiseas seo dèante ann an cuideachd fianais neo-eisimeileach agus air a sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil riatanasan tèarainteachd a’ dol a rèir ìrean tèarainteachd riaghaltas Bhreatainn. Bidh seo a’ dèanamh cinnteach nach urrainn fiosrachadh pearsanta sam bith a bhith air fhaighinn air ais.
Tha miann mhòr againn dèanamh cinnteach gu bheil buaidh àrainneachdail a’ Chunntais-shluaigh air a chumail cho ìosal ’s a ghabhas. Bidh stuthan clò-bhuailte mar cheisteachain agus cèisean, air an dèanamh bho stuthan a tha air an ath-chuairteachadh no stuthan a ghabhas ath-chuartachadh, far a bheil sin iomchaidh.