Chan fhaod ach luchd-obrach Cunntais-shluaigh le tèarainteachd sgrùdaichte dàta Cunntais-shluaigh fhaicinn.
Tha gach neach a tha ag obair le mion-fhiosrachadh pearsanta Cunntais-shluaigh air a sgrùdadh airson tèarainteachd agus feumaidh iad an ainm-sgrìobhte a chur ri gealltanas gun dìon iad dìomhaireachd fiosrachaidh.
Bidh am fiosrachadh pearsanta Cunntais-shluaigh agad air a chumail gu tèarainte agus cha bhi e ri fhaotainn airson 100 bliadhna nuair a dh’fhaodas clàran Cunntais-shluaigh a bhith air an leigeil mu sgaoil.
Nuair a bhios sibh a’ lìonadh a-steach ur ceisteachan air-loidhne, faodaidh sibh dèanamh cinnteach gu bheil a’ ghlas bheag tèarainteachd air a nochdadh. Tha seo a’ sealltainn gu bheil an dàta agad ga aiseag gu sàbhailte. Lorgar a’ ghlas gu h-àbhaisteach san oisean gu h-ìosal air an làimh dheis den sgàilean no sa bhàr thiotalan den t-sealladair agad.
Tha Còd a’ Cheisteachain Air-loidhne agaibh air a shònrachadh a dh’aon ghnothaich don teaghlach agaibhse agus cha bu chòir a roinn le neach sam bith eile. Air an dòigh cheudna, cha bu chòir am facal-faire a chruthaicheas sibh a bhith air a roinn le neach sam bith eile.
Coimhead às dèidh do cheisteachan. Cùmaibh e ann an àite sàbhailte. Ma ghabhas e dèanamh, bu chòir dhuibh a chur don phost cho luath agus a chuireas sibh crìoch air.
No air an làimh eile, faodaidh sibh a chur air dòigh gun tèid a thogail leis an àirmhichear Cunntais-shluaigh agaibh. Faodaidh sibh seo a chur air dòigh le bhith a’ cleachdadh a’ Ghoireis-fhiosrachaidh Dhealanaich no le brath a chur gu Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh air 0845 603 1823 no seirbheis teacsa-fòn 0845 603 1824.