Tha ur ceisteachan ga thilleadh gun oifis Cunntais-shluaigh ionadail. Bidh an àirmhichear agaibh agus stiùiriche na sgioba a’ dèanamh cinnteach gu bheil na ceistean air an lìonadh. Tillidh iad na ceisteachain uile gu ionad làimhseachaidh Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba gus an dèan an luchd-staitistig mion-sgrùdadh air an fhiosrachadh agus na figearan agus taisbeanaidh iad sin mar staitistigean gun urra. Aig deireadh gnothaich, tha iad nam buannachd dhuibh agus do ur teaghlach tro sheirbheisean poblach.