Tha an cunntas-sluaigh a’ cunntadh a h-uile neach ann an Alba aon uair anns gach deich bliadhna. Is e an eacarsaich tional staitistig as motha ann an Alba. Tha toraidhean gun urra a’ Chunntais-shluaigh mar mhion-dhealbh den àireamh agus de dh’fheartan dhaoine air latha a’ chunntais. Is e na h-àireamhan seo an aon tomhais earbsach a th’ ann den t-sluagh air fad agus tha iad a’ cuideachadh le bhith a’ cumadh beatha theachdail gach neach mar bhunait airson seirbheisean poblach èifeachdach rè nan deich bliadhna a tha romhainn.
Tha an cunntas-sluaigh air eagrachadh le Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS), air a stiùireadh leis a’ Chlàradair Choitcheann, agus fo sgrùdadh luchd-staitistig phroifeiseanta. Tha GROS ag obair le oifisean a’ Chunntais-shluaigh ann an Sasainn, sa Chuimrigh agus Ceann a Tuath Èirinn gus an cunntas-sluaigh a stiùireadh air an aon latha agus gus toraidhean Cunntais-shluaigh a ghabhas coimeas a sholarachadh.
Tha an cunntas-sluaigh ga chumail gach 10 bliadhna agus tha 2011 a’ comharrachadh 150 bliadhna de dh’uallach GROS airson a ruith.
Thòisich GROS a’ dealbhadh Cunntas-sluaigh 2011 goirid às dèidh a’ Chunntais-shluaigh mu dheireadh ann an Alba ann an 2001. Dh’fhoillsich Ministearan Riaghaltas na h-Alba molaidhean a thaobh Cunntais-shluaigh 2011 ann an 2008. Gus taic a chur ris an dòigh-obrach a bha iad air a dhealbhadh airson Cunntais-shluaigh 2011 a liubhairt, dh’fhoillsich GROS pàipear fianais.
Tha toraidhean Cunntais-shluaigh 2001 rim faotainn air Toraidhean Air-loidhne Cunntais-shluaigh na h-Alba (SCROL).
| Ceann-latha | Tachartas |
|---|---|
05 Faoilleach 2009 |
Goireas-fiosrachaidh Dealanach fosgailte |
09 Màrt 2009 |
Loidhne-chobhair a’ Cunntais-shluaigh fosgailte |
13 Màrt 2009 |
Àirmhichean a’ tòiseachadh a’ lìbhrigeadh cheisteachan |
28 Màrt 2009 |
Lìbhrigeadh cheisteachain crìochnaichte |
29 Màrt 2009 |
Latha an Ro-chunntais-shluaigh |
06 Giblean 2009 |
Àirmhichean a’ tòiseachadh air tadhal leanmhainn air teaghlaichean nach eil air freagairt |
22 Giblean 2009 |
Tadhal leanmhainn air teaghlaichean nach do fhreagair a’ tighinn gu crìch |
13 Ògmhios 2009 |
Goireas-fiosrachaidh Dealanach a’ dùnadh |
26 Ògmhios 2009 |
Loidhne-chobhair a’ Chunntais-shluaigh a’ dùnadh |
Tuilleadh fiosrachaidh mu Shuirbhidh Còmhdaich a’ Chunntais-shluaigh (CCS) às dèidh àireamhachd