Prìomh thoraidhean bho Chunntas-sluaigh na h-Alba ann an 2001 a’ togail air àireamh de phrìomh phuingean:
Den 5,062,011 luchd-còmhnaidh ann an Alba air latha a’ Chunntais-shluaigh, bha 36 sa cheud fo aois 30 bliadhna, an taca ri 41 sa cheud ann an Cunntais-shluaigh 1991.
Thuit an earrann den t-sluagh a bha pòsta (a’ gabhail a-steach daoine air ath-phòsadh agus sgaradh) bho 58 sa cheud ann an 1991 gu 54 sa cheud ann an 2001. Thuit an earrann de bhantraichean bho 10 gu naoi sa cheud agus dh’èirich an earrann den fheadhainn aig an robh sgaradh-pòsaidh bho chòig gu seachd sa cheud.
Gu cuibheasach, bha 2.27 neach anns gach teaghlach an taca ri 2.44 anns gach teaghlach ann an 1991.
Bha clann an eisimeil am pàrantan nas dualtaiche a bhith ann an teaghlach far an robh an dithis a’ fuireach còmhla no ann an teaghlach le aon phàrant, na bha ann an 1991.
Dh’èirich an earrann de theaghlaichean le sealbh air an àite-fuirich bho 52 gu 63 sa cheud eadar 1991 agus 2001. Bha na h-earrannan glè eadar-dhealaichte air feadh sgìrean Comhairle bho chòrr agus 80 sa cheud le sealbh ann an Dùn Bhreatainn an Ear agus Rinnfriù an Ear gu nas lugha na 50 sa cheud ann am Baile Ghlaschu.
Bha a dhà sa cheud de dh’àireamh-sluaigh na h-Alba bho mhion-bhuidheann cinneachail (neo-Gheal), an taca ri 1.3 sa cheud ann an 1991. Bha am buidheann dhaoine a bu mhotha, às dèidh am buidheann cinneachail Geal, anns a’ bhuidheann Pacastànai.
Rugadh faisg air 13 sa cheud, no aon a-mach à h-ochd, den àireamh-sluaigh taobh a-muigh Alba, meudachadh bho fhaisg air 11 sa cheud ann an 1991. Rugadh a’ chuid as motha dhiubhsan a rugadh taobh a-muigh Alba, ann an Sasainn. Rugadh ochd sa cheud den àireamh-sluaigh ann an Sasainn an taca ri seachd sa cheud ann an 1991.
Airson a’ chiad uarach, chuir an cunntas-sluaigh dà cheist mu chreideamh, creideamh togail agus an creideamh làithreach. Airson a’ chreideimh thogail bha na buidhnean a bu mhotha ann an Eaglais na h-Alba (47 sa cheud), Sgath (18 sa cheud) agus san Eaglais Chaitligich (17 sa cheud). Bha na h-àireamhan co-ionnan sa cheud airson creideamh an latha an-diugh aig 42 sa cheud, 28 sa cheud agus 16 sa cheud.
Bha 58,650 neach aig aois a trì agus nas sine a’ bruidhinn Gàidhlig an taca ri 65,980 ann an 1991 – tuiteam de 11 sa cheud.
Thaisbein 20 sa cheud den àireamh-sluaigh gun robh tinneas fad-ama, duilgheadas no ciorram slàinte orra a bha a’ cuingealachadh an gnìomhachdan làitheil no an obair a b’ urrainn dhaibh a dhèanamh, meudachadh smaoineachail air an 14 sa cheud air an deach iomradh a thoirt ann an 1991.
Dh’fhaighnich Cunntas-sluaigh 2001 ceist ùr mu shlàinte san fharsaingeachd thairis air an dà mhìos dheug a chaidh seachad. A’ coimhead ri freagairtean a thaobh slàinte dhaoine le còir fearainn, bha na h-earrannan a bu mhotha a bha ag aithris ‘droch shlàinte’ rin lorg anns an raon taigheadais sòisealta air màl agus ann an teaghlaichean a bha saor bho mhàl (na dhà 18 sa cheud an taca ri 10 sa cheud do teaghlaichean uile).
Thuit an earrann de dh’fhir ann an obair làn-ùine bho 55 sa cheud ann an 1991 gu 51 sa cheud.
Lorgadh àireamhan àrd de dhaoine gun obair ann an coimeas ri earrann den fheadhainn a bha an sàs ann an gnìomhachd eaconamach ann am Baile Ghlaschu (10 sa cheud) agus ann am Baile Dhùn Deagh, Inbhir Àir an Ear, Inbhir Àir a Thuath agus Dùn Bhreatainn an Iar (naoi sa cheud), fhad ’s a bha an ìre a b’ ìsle de dhaoine gun obair ann an Eileanan Shealtainn (trì sa cheud).
Bha ceist ùr ann an Cunntas-sluaigh 2001 a’ faighneachd mu dheidhinn na h-ùine a bha daoine a’ cosg a’ solarachadh cùraim no cobhair gun phàigheadh do bhall teaghlaich, caraid no nàbaidh air sgàth droch shlàinte corporra no inntinn no ciorram (a’ gabhail a-steach dhuilgheadasan co-cheangailte ri seann aois). Cha robh naochad sa cheud den àireamh-shluaigh a’ toirt seachad cùram sam bith; bha sia sa cheud a’ solarachadh cùraim airson nas lugha na 19 uairean a thìde san t-seachdain; bha 1.2 sa cheud a’ solarachadh 20 gu 49 uairean a thìde san t-seachdain; agus 2.3 sa cheud a’ solarachadh co-dhiù 50 uairean a thìde san t-seachdain.
Bha còrr agus 20 sa cheud de bhoireannaich le obair ann an gnìomhachas slàinte agus sòisealta.
Bha Àisianaich dualtach a bhith ag obair air an ceann fhèin – bha fèin-fhastadh coimeasach àrd am measg bhuidhnean cinneachail le tùs Àisianach.
Bha timcheall air trian de theaghlaichean gun chàr no bhan - air thuiteam bho thairis air dà chòigeamh ann an 1991.
Bha barrachd a’ dol a dh’obair ann an càr – bha 64 sa cheud de luchd-obrach a’ siubhal a dh’obair ann an càr no motair-rothair, meudachadh de dh’ochd sa cheud bho 1991. Bha buaidh aig a’ mheudachadh ann an càraichean agus motairean-rothair air siubhal air bus m.s.a.a., a thuit bho 16 sa cheud gu 13 sa cheud agus air modhan siubhail eile (gu h-àraid coiseachd no rothair) a thuit bho 20 sa cheud gu 14 sa cheud.
Cha robh teisteanas sam bith aig daoine 16 gu 74 bliadhna a dh’aois clàraichte sna gnèithean a bha air an liostadh mu choinneamh nam bocsaichean-strìochaig sa cheisteachan.