B' e 2001 a chiad turas san deach toraidhean Cunntais fhaighinn a bha a' riochdachadh an t-sluaigh air fad. Chaidh seo a dhèanamh tro phròiseact air an robh "Cunntas-sluaigh Aon Àireamh" (ONC). Bha dà eileamaid sa phròiseact: sgrùdadh neo-eisimeileach (CCS) a ghabh àite an dèidh làimh; agus chaidh seo a leantainn le pròiseasan tuairmse agus cuir às leth.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh ann an 2001 an dèidh an àireamhachaidh (Surbhaidh Còmhdachaidh a’ Chunntais-shluaigh). Ann an Alba, gabh an sgrùdadh a-steach mu 40,000 dachaigh agus 90,000 neach. Mar phàirt dhen sgrùdadh, chaidh agallamhan a dhèanamh 'aig doras an taighe' aig dachaighean an siud 's an seo anns gach sgìre Comhairle ann an Alba. An turas seo, le a bhith a' cur toraidhean Cunntas-sluaigh 2001 còmhla ris an fhiosrachadh a chaidh fhaighinn bhon CCS, bha e comasach tuairmse a dhèanamh air an àireamh-shluaigh mar "Aon Àireamh", gu deagh ìre de mhionaideachd. Bha e an uair sin comasach, le a bhith a' cleachdadh foirmle staitistigeach, tuairme mhionaideach a dhèanamh air an fheadhainn nach deach cunntadh sa phrìomh chunntas.
Chaidh comas a dhèanamh eadar toraidhean an CCS agus toraidhean a' chunntais-shluaigh gus cuidead agus feartan nan daoine nach deach cunntadh sa chunntas-shluaigh fhaighinn a-mach.
The census is vital to developing an understanding of our population – its size, ethnicity, health and housing. We’re getting ready to conduct a new census in 2011 and to make sure that we get the right information for everyone in Scotland, we’re carried out a census rehearsal in March 2009. This was to ensure that all aspects of the survey have been taken into account for the full census in 2011.
Ghabh Ro-chunntas CCS 2009 àite eadar Didòmhnaich 10 Cèitean agus Dihaoine 19 Ògmhios 2009. Thug e a-steach 3,000 dachaigh ann an ceàrnaidhean còd-phuist roghnaichte an Dùn Èideann an iar a bharrachd air Leòghas is na Hearadh. Ann an 2011 bheir an CCS a-steach 40,000 dachaigh air feadh Alba.
’S e th’ anns an CCS ach agallamh goirid air an stairsnich a bhios a’ ruith air corra cheist a-mhàin às a’ chunntas.
Tha am fiosrachadh a bheir sibh seachad air fad air a dhìon san lagh, agus tha e air a chumail dìomhair.