Meud clòtha: A|A|A

Eachdraidh teaghlaich agus an Cunntas-sluaigh

Tha fiosrachadh feumail ri fhaighinn ann an cunntasan-slòigh airson luchd-eachdraidh teaghlaich, agus airson daoine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh shòisealta na h-Alba. Tha aithisgean staitistigeach nan cunntasan bho 1801 gu 1931 rim faighinn air Histpop - làrach-lìn Aithisgean Eachdraidheil an t-Sluaigh.

Tha clàran chunntasan-slòigh mu dhaoine fa leth air an cumail dìomhair airson 100 bliadhna gus prìobhaideachd a dhìon. Tha fiosrachadh mu chlàran chunntasan nas sine na sin ri fhaighinn air làrach-lìn ScotlandsPeople.