Neach-obrach a' chunntais-shluaigh - tha lìbhrigeadh nan ceisteachan chun nan dachaighean an urra ris.
Mar as trice, 's e prìomh obair neach an obair aig a bheil iad airson na h-àireamh as motha de dh'uairean. Tha ceistean mu dhreuchd co-cheangailte ri prìomh obair gach neach.
Thathar a' cleachdadh 'teaghlach' ann an ceisteachan Gàidhlig a' chunntais-shluaigh ach faodar cuideachd 'dachaigh' no 'muinntir an taighe' a ràdh ris a' mìneachadh-sa. Tha seo air a dèanamh an-àirde à aon neach a' fuireach na aonar, no buidheann de dhaoine (chan eil e deatamach gu bheil iad càirdeach) a tha a' fuireach aig an aon seòladh agus aig a bheil seòmar-suidhe còmhla, no a tha ag ithe còmhla co-dhiù aon uair san latha.