Ged a tha toraidhean cunntais-shluaigh san àbhaist air am foillseachadh a-mhàin nan staitistig neo-ainmeach, bidh dàta an ro-chunntais air a chleachdadh a-mhàin le Oifis Choitcheann a' Chlàraidh an Alba airson measadh a dhèanamh air gu dè mar a dh'obraich na rèiteachaidhean. Cuidichidh am measadh sinn ann a bhith a' leasachadh nan ceistean agus nan rèiteachaidhean mus cuir sinn ar molaidhean chun na Pàrlamaid ann an 2010.