Tha Oifis Choitcheann a' Chlàraidh airson Alba (GROS) ag obair còmhla ri na h-oifisean clàraidh ann an Sasainn, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath gus cunntasan-slòigh a dhèanamh air Didòmhnaich, 27mh am Màrt 2011, agus gus toraidhean fhaighinn a ghabhas coimeas.
Tha an Oifis airson Staitistigs Nàiseanta (ONS) a' cur air dòigh a' chunntais-shluaigh airson Sasainn agus na Cuimrigh. Ann an Èirinn a Tuath, 's e Buidheann Staitistig agus Rannsachadh Èirinn a Tuath a tha ga dhèanamh.