Meud clòtha: A|A|A

Dè a th' air atharrachadh bho 2001?

Seo na prìomh diofaran eadar molaidhean airson Cunntas-sluaigh 2011 agus na eagrachaidhean/ceistean airson 2001:

  • Bidh an cothrom aig a' mhòr chuid de dhachaighean an ceisteachan aca a lìonadh a-steach air-loidhne airson a' chiad turas
  • Bidh ceithir duilleagan de cheistean ann airson gach neach, an-àite trì. Bheir seo rùm airson sia ceistean ùra agus airson roghainnean nas fheàrr anns na bogsaichean sràca - mar eisimpleir, barrachd roghainnean airson cinneachas, airson inbhe pòsta, teisteanasan agus airson ùine a th' air a cur seachad a' gabhail cùram do dhaoine eile.
  • Seo na sia ceistean ùra: nàdar an tinneis/ciorraim, cànan (dà cheist ùr a bharrachd air a' cheist mu chomas ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh a thoirt bho 2001, agus a th' air a leudachadh), teachd-a-steach na dachaigh, dearbh-aithne nàiseanta agus mìos/bliadhna san tàinigear dhan RA
  • Chaidh fìor lèirmheas a dhèanamh air a' cheist mu chinneas agus chaidh an àireamh de roghainnean a mheudachadh
  • Tha companas catharra a-nis na roghainn sa cheist mu inbhe pòsta agus dàimhean airson a' chiad turas
  • Thèid bun fhiosrachadh a chruinneachadh mu luchd-tadhail airson a' chiad turas

Bheir na leasachaidhean seo barrachd roghainnean, agus roghainnean nas soilleire, do dhaoine mu mar a lìonas iad a-steach an ceisteachan. Bheir iad teisteanas nas mionaidiche don fheadhainn a bhios a' cleachdadh dàta a' chunntais mu na feumalachdan a bhios air daoine a thaobh sheirbheisean poblach.